Stailc air aiseagan Chal Mac?

  • Air fhoillseachadh
An MV Loch Seaforth
Fo-thiotal an deilbh,
Tha eas-aonta eadar Cal Mac agus aonadh an RMT mu pheinnseanan agus tèarainteachd cosnaidh.

Innsidh aonadh an RMT an t-seachdainn-sa cuine a dh'fhaodadh na buill aca, a tha ag obair do Chal Mac, a dhol a-mach air stailc.

Bhòt mòr-chuid de luchd-obrach na companaidh, a ghabh pàirt ann am baileat a dh'fhoillsichear an t-seachdainn-sa chàidh, airson stailc neo iomairt-obrach eile goirid air stailc.

Tha eas-aonta ann eadar Cal Mac agus an RMT mu pheinnseanan, tèarainteachd chosnaidh agus modhan-obrach.

Thuirt an RMT gu bheil an càirdeas eadar iad fhèin agus a' chompanaidh air a dhol bhuaithe gu mòr.

Thuirt Cal Mac gu bheil iadsan deònach tuilleadh chòmhraidhean a chumail.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar gun tigeadh an dà thaobh gu aonta gu sgiobalta 's dragh mòr ann mun bhuaidh a bheireadh stailc air coimhearsnachdan eileanach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh