Oilthigh Ghlaschu a' cuimhneachadh Theàrlaich Cheannadaich

Charles Kennedy
Image caption Bhàsaich Mgr Ceannadach na dhachaidh air a' 1mh den Òg-mhios.

Thèid stòras airgid a chur air bhonn aig Oilthigh Ghlaschu son cuimhneachan sònraichte a stèidheachadh air beatha Theàrlaich Cheannadaich, a bha uair na oileanach , agus a chuir iomadach bliadhna seachad mar reachdadair ann.

Tha an t-oilthigh ag amas air roinn teagaisg no seòmar-òraid ainmeachadh às a dhèidh, agus bidh seo anns an togalach ùr son Ionnsachadh agus Teagasg, a thathas a' dol a thogail.

Tha an iomairt a' faighinn làn thaic bho theaghlach Mhgr Cheannadaich agus thuirt Prìonnsabal an Oilthigh, Anton Muscatelli gun robh iad a' faireachdain gum biodh seo na chuimhneachan maireannach air an obair a rinn Teàrlach aig teis-meadhain oideachaidh oileanach.

Seirbheis

Gheibh caraidean is luchd-dàimh, cothrom airgead a chur ris an stòras aig an t-seirbheis chuimhneachaidh a thèid a chumail oidhche Ardaoin aig 7f ann an Talla Bhòid aig an Oilthigh.

'S e an t-Urr Stiùbhart MacGuaire a bhitheas os cionn na seirbheis agus tha i fosgailte do dhuine sam bith thighinn ann.

Fosglaidh na dorsan aig 6.30f agus tha dùil ri sluagh mòr, s' mura faigh a h-uile duine a-steach, bidh Gallaraidh Cheilbhinn faisg air làimh fosgailte cuideachd 's cluinnear na tha dol anns an talla fhèin.

Pìobairean

Bidh Dòmhnall Caimbeul, a leig dheth a dhreuchd mar Phìobaire an Oithigh bho chionn ghoirid, agus a bhràthair Alasdair Caimbeul a bha na dhlùth-charaid do Mhgr Ceannadach, os cionn caismeachd a thèid a-steach dhan talla ron t-seirbheis.

Bidh an t-Oll Anton Muscatelli, Ceann-suidhe Aonadh Oilthigh Ghlaschu, Rory Slater agus Neach-Labhairt Chomhairle nan Oileanaich, Breffni O'Connor a' toirt seachad òraid a' cuimhneachadh air Mgr Ceannadach.

A bharrachd air a sin, cluinnear na cuimhneachain aig Brian McBride, a bha na charaid do Theàrlach bhon a choinnich iad an toiseach ann a 1975, nuair a bha Brian na cheann-suidhe air a GUU agus bha Teàrlach a' toirt seachad òraid ann a deasbad-sgoile.