Buannachd coimhearsnachd de "£9M" bho thuathan gaoithe

Tuath gaoithe
Image caption Tha an t-airgead ga chosg air diofar phròiseactan

Tha tuathan gaoithe air tìr a' cur cha mhòr £9m not gach bliadhna ri pròiseactan coimhearsnachd ann an Alba, a rèir rannsachaidh ùir.

Thuirt Cumhachd Ionadail na h-Alba gu bheil an t-suim aig an ìre as àirde a-riamh.

Sheall sgrùdadh na buidhne gun do chuir tuathan gaoithe £8.8 millean not ri pròiseactan coimhearsnachd ann an Alba an-uiridh.

Thuirt iad gun robh buannachdan ann do choimhearsnachdan air feadh na dùthcha agus gu bheil an rannsachadh aca a' sealltainn na ghabhas a dhèanamh leis an airgead.

Tha an t-ionmhas, gu math tric, ga chosg air pròiseactan, leithid a bhith a' leasachadh tallaichean baile neo a bhith a' dèanamh dachaighean nas blàithe.

Buannachd

Thuirt buidheann Cumhachd Ath-nuadachail na h-Alba gun robh na figearan a' sealltainn cho cudromach 's a tha pròiseactan uaine do choimhearsnachdan air feadh Alba, feadhainn iomallach gu sònraichte.

A-rèir Jenny Hogan, bhon bhuidhinn, tha suimean airgid nas motha a-nis ga thoirt do choimhearsnachdan.

"Tha iomadh eisimpleir de dhiofar phròiseactan ann, bho ionadan chuir-seachad air a' bhlàr-a-muigh gu sgeamaichean son cumhachd a chùmhnadh, gu a bhith a' toirt cumhachd uaine do dh'ùghdarrasan ionadail.

"Chan eil na companaidhean leasachaidh airson innse do choimhearsnachdan dè a bu chòir dhaibh a bhith a' dèanamh leis an airgead.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudthromach gu bheil gnothach aig comhairlean agus urrasan coimhearsnachd ri mar a thèid an t-airgead a chosg son maith muinntir na sgìre fhèin," thuirt i.