Fearg mu phoileasaidh còmhdhail an NHS

Port na h-Aibhne, Ile Image copyright Geograph/Paul Birrell
Image caption Tha teagamh air cuid gu sàbhail am poileasaidh ùr airgead

Tha fearg ann an Ìle mu phoileasaidh còmhdhail NHS na Gàidhealtachd, a tha ag ràdh gum bu chòir do dhaoine an dòigh as saora a chleachdadh airson siubhal chun ospadail, ach ann an cùisean fìor riatanach.

B'àbhaist do dhaoine ann an Ìle, a dh'fheumadh a dhol a Ghlaschu son cùram meidigeach, plèana fhaighinn a-null 's air ais air an aon latha.

Tha am bòrd slàinte ag ràdh a-nis gum bu chòir do dh'euslaintich cead fhaighinn bhon dotair teaghlaich neo bhon ospadal mus tèid iad air an itealan.

Tha iad ag iarraidh air daoine càraichean, busaichean agus aiseagan a chleachdadh nuair as urrainn dhaibh.

Thuirt iad nach eil ag atharrachadh a' phoileasaidh ach ga shoilleireachadh.

A-rèir cuid anns an eilean bheir e trì làithean dha feadhainn a dhèanamh san dòigh sin.

Tha an comhairliche Ìleach, Robin Currie, dhen bheachd gum biodh e nas cosgail do dhaoine a bhith a' dol air a' bhàt-aiseig, an uairsin a bhith a' dèanamh air Glaschu ann an càr agus a bhi a' fuireach oidhche, 's dòcha dhà, sa bhaile, na bhiodh e a' dol air an itealan agus tilleadh ann an latha.

"Tha fios 'am gu bheil faraidhean air a' phlèana daor, ach tha mi a' smaoineachadh, ma tha thu a dol air an rathad eile, tha mi cinnteach gum bi e a' cosg barrachd na sin," thuirt Mgr Currie.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air sùileachadh gun cleachd euslaintich an dòigh as saora airson siubhal a rèir an cuid feumalachdan - a' gabhail a-steach cosgaisean an turais air fad.

Cosgaisean carbaid

A thuilleadh air a seo tha gearan ann gun do gheàrr am bòrd slàinte na tha iad a' pàigheadh airson gach mìle do dhaoine a tha a' siubhail sa charbad aca fhèin dhan ospadal.

Tha e an urra ri na bùird slàinte iad fhèin co-dhùnadh dè na suimean a bheir iad do dhaoine.

Chleachd iad a bhith a' toirt 18 sgilinn son gach mìle.

Chaidh sin a lughdachadh gu 13 sgillinn.

Tha e a-nis aig 15 sgillinn.

Tha NHS nan Eilean Siar a' pàigheadh 23 sgilinn son a h-ùile mìle.

Dh'iarr Iain MacGilliosa, à Tiriodh, a bha na chathraiche air Caidreachas Eileanan na h-Alba, gum bu chòir do dh'NHS na Gàidhealtachd beachdan a shireadh mun chùis.

Thùirt am bòrd slàinte gu bheil 15 sgilinn gach mìle stèidhichte air còmhairle bho Oifis na Cìse Nàiseanta agus Riaghaltas na h-Alba.

Tha sinn fhathast a' feitheamh freagairt mhionaideach air suidheachadh Ìle.