Sgeulachd thiamhaidh "Sleepy Time Gal"
- Air fhoillseachadh
Tubaist itealain "Sleepy Time Gal"
Tha 70 bliadhna ga chomharrachadh an-dràsta bho thàinig itealan cogaidh Aimeireaganach a-nuas air Taobh Siar Rois le còig duine deug a' call am beatha.
Bha an t-itealan, B-24H Liberator, air an robh am far-ainm "Sleepy Time Gal", a' dèanamh air na Stàitean Aonaichte aig deireadh an dàrna cogaidh.
Air bòrd bha naoidhnear criubha agus sianar a bha a' faighinn dhachaigh còmhla riutha.
An fheadhainn a chaochail
1mh/Lt Jack B Ketchum (22), Pìleat (criubha)
1mh/Lt J H Spencer (22), Co-phìleat (criubha)
2mh/Lt R J Robak (20), Fear-iùil (criubha)
Sgt Teicnigeach H L Cheek (21), Ìnnleadair-adhair (criubha)
Sgt Teicnigeach J C Stammer (23), Oifigear-conaltraidh (criubha)
Sgt E J Gilles (24), Gunnaire-adhair (criubha)
Sgt A L Natkin (20), Gunnaire-adhair (criubha)
Sgt R E Davis (26), Gunnaire-adhair (criubha)
Sgt H Riefen (25), Gunnaire-adhair (criubha)
Sgt J B Ellis Jr. (24), 314mh T.C.G. (USAAF Command Siubhail-adhair/fear-siubhail)
Sgt J D Harvey (30), 314mh T.C.G. (USAAF Command Siubhail-adhair/fear-siubhail)
Sgt A W Hastings (23), 314mh T.C.G. (USAAF Command Siubhail-adhair/fear-siubhail)
Sgt E Einarsen (48), 314mh T.C.G. (USAAF Command Siubhail-adhair/fear-siubhail)
Sgt J H Hallissey (27), 93mh B.G. (H). (USAAF Command Siubhail-adhair/fear-siubhail)
Sgt R J Francis (20), 323mh B.G. (H). (USAAF Command Siubhail-adhair/fear-siubhail)
Ach, cha do ràinig iad a-riamh an taigh.
Air an 13mh dhen Òg Mhios, 1945, agus an cogadh seachad anns an Roinn Eòrpa, dh'fhàg am pleàna port-adhair Phreastabhaig, air a slighe dha na Stàitean Aonaichte.
Bha còir aice a bhi dol taobh Steòrnabhaigh, 's a-mach a dh'Innis Tìle far an togadh i connadh, mus dèanadh i air Aimeireaga.
Ach, chàidh rudeigin ceàrr, agus an àite a bhi thar a' Chuain Sgìth, 's ann a bha i os cionn bheanntan Thaobh Siar Rois.
Thàinig i a-nuas anns na Lochan Sgeireach faisg air Bad a' Chrò a tha aithnichte an-diugh mar na Fairy Lochs.
Chaill na bh'air bòrd am beatha, 's tha an làrach, le sprùilleach an itealain ceithir thimcheall, air a chomharrachadh mar uaigh cogaidh.
Taisbeanadh
Tha an spruilleach mar sin, a-riamh air a bhi follaiseach anns an sgìre agus tha solas ùr a' dol air a' chùis an-dràsta le taisbeanadh ann an taigh-tasgaidh Gheàrr Loch.
Bha Ionad Treànaidh an Adhair an-sàs ann, 's thuirt Innes Mac an Tàileir, a tha na Shairdseant sa bhuidheinn gur ann tro bhi sàs san ATC a fhuair e fhèin a-mach na bh'air èirigh dhan an "Sleepy Time Gal".
"Thòisich an instructor, Bruce Hudson, ag innse dhuinn an stòiridh.
"Sin nuair a fhuair mi a-mach dè thachair agus carson a chaidh i sios," thuirt Mgr Mac an Tàileir.
Tha e follaiseach gu robh teine ann an tè de dh'einnseanan an itealain - chithear a bhuil anns an spruilleach - agus tha Bruce Hudson ag ràdh gur dòcha gu robh gnothach mòr aig a sin, ri na dh'èirich.
"Se aon dhe na dòighean a tha thu a' dèiligeadh ri teine san einnsean, se bhi a' cromadh gu luath leatha, se dòigh aithnichte a bha sin feuch an teine a shèideadh às.
"Tha sinn a' smaoineachadh an uairsin, 's iad a' feuchainn ris an itealan a thoirt air ais bhon chromadh aithghearr sin, gu do thòisich i a' briseadh às a chèile, 's bhithtear gu ìre mhòr air smachd a chall air a' phleàna an uairsin."
Tha an taisbeanadh "Remembering Sleepy Time Gal" a' ruith gu Disathairne 20mh Òg Mhios aig Taigh Tasgaidh Gheàrr Loch.