Ministear na Còmhdhail a' moladh co-obrachadh

Bat-aiseig Image copyright Richard Sowersby
Image caption Tha Riaghaltas na h-Alba air cuireadh a thoirt dha CalMac agus Serco tairgse fhoirmeil a dhèanamh airson nan seirbheisean.

Mhol Ministear na Còmhdhail snan Eilean do ChalMac agus aonadh an RMT obrachadh còmhla airson stailc a sheachnadh.

Aig Àm nan Ceistean aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt dh'iarr am ball Làbarach son na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Dàibhidh Stiùbhart, air Mgr MacAoidh freagairt a thoirt mun iomagain a th'air luchd-obrach ChalMac.

Thuirt Derek MacAoidh gu bheil e tuigse gu bheil dragh orra mun cuid obraichean agus na seirbheisean gan cur a-mach gu tairgse an-dràsta.

Thuirt e gu robh an riaghaltas airson luchd-obrach a dhìon agus airson dèanamh cinnteach gum faigh iad sgeama peinnsein a tha cothromach, nach eil a' cosg cus agus a mhaireas fon ath chùmhnant, a thèid a thoirt seachad an ath-bhliadhna.

Stailc

Chaidh fhàgail air Mgr MacAoidh leis a' Phàrtaidh Làbarach nach eil na h-aonaidhean ann a' cur earbs ann.

An t-seachdainn a chaidh bhòt 92% de bhuill an RMT a chaidh an sàs sa bhaileat a dhol air stailc, le 98% a bhòtadh son iomairt-obrach goirid air stailc.

Uile gu lèir se 55% aig an robh cead bhòtadh a roghnaich a dhol air stailc, le 58% ag iarraidh iomairt-obrach de sheòrsa a choireigin.

Tha an t-aonadh, a tha a' riochdeachadh mòran dhan luchd-obrach, ag iarraidh gealltanasan bhon luchd-stiùiridh mu obraichean, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan.

Innsidh an RMT tron t-seachdainn na planaichean a th'aca son iomairt-obrach.

Thuirt iad gu robh an càirdeas eadar iad agus CalMac air a dhol bhoithe sna mìosan mu dheireadh, chun na h-ìre 's nach robh roghainn aca ach an ceum seo a ghabhail.

Thuirt CalMac roimhe gu robh iad a' gabhail ris gu robh suidheachaidhean duilich mu choinneamh an luchd-obrach, ach nach robh iad dhen bheachd gu robh stailc iomchaidh aig an ìre-sa.

Tuilleadh air an sgeulachd seo