Dànachd a dhìth a thaobh bàta-slaodaidh

  • Air fhoillseachadh
Bàta-slaodaidh
Fo-thiotal an deilbh,
Thugadh bàta-slaodaidh stèidhichte air falbh bhon Chuan Sgìth o chionn beagan bhliadhnaichean airson airgead a chùmhnadh.

Feumaidh luchd-iomairt a tha a' strì 'son bàta-slaodaidh fhaighinn air ais dhan Chuan Sgìth a bhith nas dàna, a rèir fhir a tha na bhall de Bhòrd Smàlaidh na h-Alba, an Dtr Mìcheal Foxley.

A' bruidhinn aig coinneimh de Chomhairle nan Eilean Siar, dh'iarr e air buill strì a dhèanamh 'son an t-seirbheis as fheàrr a dh'fhaodadh a bhith aca, a bhith a' dèiligeadh ri teintean mara na measg.

Chualas mun obair mhòir a thathar a' dèanamh 'son piseach a thoirt air an t-seirbheis air tìr agus aig muir.

Chosgadh £4m not air stèisean-smàlaidh Steòrnabhaigh a thoirt gu ìre agus air goireasan ùra aig a' phort-adhair a leigeas le eileanaich trèanadh fhaighinn nas fhaisge air an taigh.

Togalach ùr

"Mar as trice an-dràsta feumaidh iad falbh suas ri trì làithean air Tìr Mòr, agus mar sin, tha iad a' call an ionmhais a tha sin bhon cuid obrach, agus tha iad fhèin agus na teaghlaichean a' call a-mach," thuirt an Comh. Tormod MacLeòid.

"Nuair a bhios an t-aonad ùr a tha seo ag obair an ceann dà mhìos eile, 's urrainn dhaibh a' chuid as motha dheth sin a dhèanamh ann an aon là, 's cha bhi aca ri falbh gu Tìr Mòr.

"Tha fhios againn, thairis air na bliadhnaichean, gun robh sin a' cumail an t-uabhas dhaoine bho a bhith a' tighinn air adhart airson a bhith ag obair anns an t-seirbheis," thuirt e.

Chualas gearain nach deach togalach ùr a dhèanamh airson stèisean-smàlaidh Steòrnabhaigh, ach tha Mgr MacLeòid ag ràdh nach gabhadh sin dèanamh.

"Chan eil an t-ionmhas ann airson togalach ùr a dhèanamh. Tha sinn uabhasach taingeil gu bheil còrr air £4m air a bhith air a chosg anns na h-eileanan, agus e duilich ionmhas fhaighinn.

"An aon rud a bhios air fhàgail den t-seann stèisean-smàlaidh, den t-seann togalach, 's e dìreach an làr agus am bun-stèidh.

"Mar sin, tha togalaichean ùra gu bhith ann, agus nuair a bhios e deiseil bidh e cho math ri àite sam bith eile air feadh Alba.

"Agus tha mi fhìn a' creidsinn gu bheil e san àite as fheàrr sam biodh e.

Tubaist a' Bhraer

"Seo an t-ionmhas as motha a tha Bòrd an Smàlaidh an dèidh caitheamh bho thàinig iad a-steach dhan t-suidheachadh ùr a th' ann," thuirt e.

A thaobh na h-iomairt gus bàta-slaodaidh fhaighinn air ais dhan Chuan Sgìth, thuirt Mgr MacLeòid gu bheil a' chomhairle deònach a bhith nas dàna.

"Tha gu dearbha, agus tha sinne an dèidh a bhith dàna airson sin thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad bho chaidh am bàta-slaodaidh a thoirt air falbh.

"Nam biodh tubaist mhòr sam bith ann an-dràsta tha sinn a' faicinn, nam biodh droch shìde ann, cho fada 's a bheireadh e mus tigeadh bàta-slaodaidh sam bith timcheall air na h-Eileanan.

"Tha e cudromach gum bi sin ann agus tha e cudromach gum bi an t-seirbheis-smàlaidh againn, agus gum bi a h-uile duine, an MCA agus na maoir-chladaich, ag obair còmhla ri chèile airson maith nan eilean agus sàbhailteachd timcheall orra.

"Cumaidh sinn a' putadh, agus tha sinn gu bhith a' putadh gu math làidir, agus tha mi a' smaoineachadh, mar as motha a thig còmhla ri chèile, gur ann nas làidire a bhios an teas againn, mar gun canadh tu, airson a chur air adhart chun an riaghaltais ann an Lunnainn gum feum iad an rud a bh' ann a chur air ais mus tig tubaist a chosgadh na chosg tubaist a' Bhraer ann an Sealtainn.

"'S e sin an suidheachadh a dh'fhaodadh tachairt timcheall air na h-eileanan mura tèid an rud a tha seo a dhèanamh ceart.

"'S fheàrr seachnadh na càradh," thuirt e.