Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stailc Chal Mac

Dh'innis an t-aonadh RMT gum bi luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a' dol air stailc seachdain Dihaoine - an 26mh là den mhìos. Cha dèan iad obair a bharrachd air an uairean àbhaisteach nas motha Diciadain no Diardaoin an ath-sheachdain. Tha an t-aonadh ag ràdh nach tug Cal Mac gealltannas sam bith do luchd-obrach mu an cosnadh agus peinseann, agus farpais gu bhith ann eadar Cal Mac agus a' chompanaidh phrìobaideach Serco airson seirbheisean-aiseig a' chosta an iar.

Cion-cosnaidh

Chaidh an àireamh dhaoine a bha gun chosnadh ann an Alba suas mu mhìle gu 163,000 eadar an Gearran agus an Giblean. Tha ìre chion-cosnaidh na h-Alba aig 5.9% an coimeas ri 5.5% airson na Rìoghachd Aonaichte air fad.

Ola is Gas

Tha co-labhairt bhliadhnail ghnìomhachas na h-ola 's a' ghas a' tòiseachadh ann an Obar Dheathain an-diugh. Nì Prìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon òraid ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte taic a chur ri rannsachadh airson ola ùir. Seo a' chiad cho-labhairt bho thuit prìs na h-ola gu mòr an-uiridh agus a' chiad ghreis am-bliadhna.

NHS na Gàidhealtachd

Thuirt Comataidh nan Cunntasan Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba gur e droch stiùireadh ionmhais agus cion cùraim as coireach gun tàinig air NHS na Gàidhealtachd iasad de £2.5m a ghabhail ann an èiginn bho Riaghaltas na h-Alba. Tha a' chomataidh a' sgrùdadh aithrisean air cion-smachd air cùisean an ionmhais aig a' Bhòrd-Shlàinte. Thuirt Cathraiche na Comataidh, Pòl Màrtainn, gu bheil e follaiseach gun do chùm àrd-oifigich aig NHS na Gàidhealtachd a n t-iasad am fallach air buill a' bhùird gus an deach an t-aonta a dhèanamh.

Inbhir Nis

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' coimhead airson dithis pheathraichean a bhuineas dhan bhaile. 'S ann aig 2:00f Dhiluain ann am meadhan a' bhaile a tha an sgeul mu dheireadh aca air Kamilla Michalowicz a tha 15 bliadhna de dh'aois. 'S ann feasgar an-dè aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a tha an aithris mu dheireadh aca air Natalia Michalowicz, a tha 14.

Iomairt a' Bhàta-Slaodaidh

Chaidh iarraidh air Comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar a bhith nas làidire nan strì airson bàta-slaodaidh anns a' Chuan Sgìth a-rithist. Thuirt an Dtr Mìcheal Foxley, ball de Bhòrd-Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba, aig coinneimh ann an Steòrnabhagh gu bheil e fìor chudromach gun tig guth làidir às na h-Eileanan, agus am bòrd a' beachdachadh an-dràsta air plana airson an ath-thrì bliadhna.