Dragh mu bhacaidhean ùra an sgìrean MPA

  • Air fhoillseachadh
Musgan caol
Fo-thiotal an deilbh,
Cuirear na h-òrdughan glèidhteachais ùra an sàs air an 1mh den Damhair.

Tha am BPA nàiseantach, Dàibhidh MacThòmais, ag ràdh gu bheil e draghail dha-rìribh mu bhacaidhean ùra ann an sgìrean glèidhteachais mara.

Thuirt Mgr MacThòmais gun toir na molaidhean buaidh mhòr air coimhearsnachdan iasgaich.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson obair-tràlaidh agus dreidsidh a chasg ann an ceithir sgìrean MPA; taobh siar Rois, Arainn a deas, na h-Eileanan Beaga, agus an sgìre eadar Loch Shuaineirt agus Caolas Dhiùra (tha seo a' gabhail a-steach MPA Linne Lathairne, ach chan eil MPA Loch Shuaineirt).

Thèid na molaidhean a dheasbad le Buill-Phàrlamaid as t-Fhoghar mus tèid an cur an sàs san Damhair.

A' foillseachadh nam molaidhean an t-seachdain a chaidh thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead, gur ann beag a bhiodh a' bhuaidh air iasgairean agus gum biodh buannachdan ann san fharsaingeachd san ùine fhada.

Dragh

Ach tha Mgr MacThòmais ag ràdh gu bheil na molaidhean air gluasad pìos air falbh bho na chaidh a chur air adhart sa cho-luadar phoblach.

"Thathas tric a' càineadh an Riaghaltais agus e air a chur às an leth nach eil iad ag èisteachd ris a' phoball nuair a tha iad a' dèanamh co-chomhairleachaidh.

"Fhuair iad 5,000 freagairt agus cho-dhùin iad a dhol nas fhàide na mhol iad sa cho-luadar ri linn nam freagairtean a fhuair iad.

"'S e a tha a' dèanamh dragh dhomh, 's e gun tèid coimhead às dèidh iasgairean ionadail air a' chost an iar cho fad 's as urrainn dhuinn.

"Dh'iarrainn air iasgairean fios a chur thugam ma tha fiosrachadh agus fianais aca a b' urrainn dhaibh a thoirt dhomh, a b' urrainn dhomh-sa an uair sin a chleachdadh 'son argamaid a dhèanamh, 'son 's dòcha, na sgìrean far am bi e ceadaichte a bhith ag iasgach, a leudachadh," thuirt Mgr MacThòmais.

Thug Caidreachas Iasgairean na h-Alba cuireadh dha Mgr Lochhead a shiubhail chun a' chost an iar 'son bruidhinn ri iasgairean gus an tuig e cho draghail 's a tha iad mun chùis.