Còmhraidhean "feumail" mu stailc Chal Mac
- Air fhoillseachadh

Thuirt ceannardan aonaidh gun deach "còmhraidhean feumail" a chumail eadar iad fhèin agus buidheann-stiùiridh na companaidh Cal Mac 's an dà thaobh a' feuchainn ri stailc an ath-sheachdain a sheachnadh.
Choinnich riochdairean bho aonadh an RMT agus cheannardan Chal Mac Diardaoin.
Ghairm an RMT stailc air Dihaoine an 26mh là den Ògmhios 's iad mì-thoilichte le atharrachaidhean ri siostam nam peinnseanan, agus dragh orra mu thèarainteachd-cosnaidh agus cùmhnantan obrach.
Bhiodh casg cuideachd air luchd-obrach bho bhith ag obair uairean a bharrachd Diciadain agus Diardaoin air seachdain na stailce.
Thuirt Gòrdan Màrtainn bhon aonadh nach e stailc a chumail a mhiannaicheadh iad fhèin, ach gun do sheall baileat am measg luchd-obrach na companaidh gun robh 92% de na ghabh pàirt ann deònach coiseachd a-mach air stailc.
Tha iad-san a' sireadh, thuirt e, gealltanas bho Chal Mac nach atharraich cùmhnantan an luchd-obrach fo chùmhnant ùr nan seirbheisean aiseig a thòisicheas an ath-bhliadhna.
Cùmhnant
Tha a' chompanaidh phrìobhaideach SERCO a' strì ri Cal Mac airson a' chùmhnant ùir.
Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, nach robh adhbhar sam bith ann an cùmhnant a chur a-mach gu tairgse, ach chaidh Ministear na Còmhdhail agus nan Eilean, Derek MacAoidh BPA, às àicheadh sin.
Thuirt e cuideachd gum bi ge bith dè a' chompanaidh a gheibh an cùmhnant ùr fhathast fo smachd Riaghaltas na h-Alba agus nach e oidhirp a tha seo seirbheisean aiseig nan Innse Gall agus Chluaidh a chur dhan roinn phrìobhaidich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 An t-Ògmhios 2015
- 15 An t-Ògmhios 2015