Faraidhean adhair eileanach nas saoire?

Tha Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, ag ràdh gun cuir e cuideam air companaidhean a tha a' ruith sheirbheisean adhair eileanach gus na prìsean aca a dhèanamh nas reusanta.

Chaidh an gnothach a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba às dèidh mar a chuir còrr is 14,000 duine taic ri iomairt anns na meadhanan sòisealta airson faraidhean adhair nas saoire dha na h-Eileanan Siar agus na h-Eileanan mu Thuath.

Gheall Mgr MacAoidh gun coinnicheadh e ris an luchd-iomairt agus comhairlichean a dh'fhaicinn dè as urrainn dhan Riaghaltas a dhèanamh, 's e ag ràdh nach bu chòir do chompanaidhean adhair, aig nach eil farpais sam bith, brath a ghabhail air an t-suidheachadh sin.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairlean Arcaibh agus Shealtainn taic ris an iomairt.

Thuirt Ceannard ChNES Aonghas Caimbeul nach eil faraidhean dha na h-eileanan idir cothromach, 's gu h-àraidh leis gum feum uimhir de dhaoine a bhith a' sgèith dhan cuid obrach.

Tha Loganair air dìon a chur air na prìsean aca, 's iad ag ràdh gum bi iad a' tabhainn lùghdachaidh do dh'oileanaich agus feadhainn a tha a' dol a thadhal air càirdean anns an ospadal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo