Fear a dhìth san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu fhear a tha a dhìth anns an Eilean Sgitheanach 's dragh ann mu shlàinte.
Chaidh Stephen Russell, a tha 43, fhaicinn mu dheireadh air Rathad Bhlàbheinn ann am Port Rìgh Dimàirt an 9mh là den Ògmhios.
Tha e còig troighean 's deich oirlich de dh'àirde, caol, maol le feusaig dhuibh.
Bidh e tric a' coiseachd nam beann.
Bidh ad beanie air mar as tric, seacaid ghorm dhìonach agus bidh e a' giùlain uideamachd coiseachd.
Dh'fhaodadh speuclairean grèine a bhith air cuideachd.
Tha dùil gum faodadh e a bhith a' coiseachd Slighe Taobh Siar na Gàidhealtachd.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn fònadh chun nam Poileas air àireamh-fòn 101.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh