Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stailc Chal Mac

Coinnichidh aonadh an RMT agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn an-diugh 's iad ag amas air stailc a sheachnadh seachdain a-màireach agus dragh ann mu chosnaidhean, peinnseanan agus seirbheisean ma gheibh a' chompanaidh phrìobhaideach SERCO an cùmhnant. Tha buill air Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba na seirbheisean a chumail air falbh bhon roinn phrìobhaidich, agus tha iad ag ràdh nach robh adhbhar ann an cùmhnant a chur gu tairgse sa chiad àite. Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Derek MacAoidh, gum feum iad fon lagh na seirbheisean aiseig a chur a-mach gu farpais, agus thuirt e nach e gluasad a th' ann dhan roinn phrìobhaidich, oir ge b' i dè a' chompanaidh a gheibh an cùmhnant, gum bi iad sin agus na seirbheisean fhathst fo smachd Riaghaltas na h-Alba.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum faodadh iad fhathast ath-sgrùdadh laghail iarraidh air co-dhùnadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sguir de thaic subsadaidh do thuathan-gaoithe air tìr bhon Ghiblean an ath-bhliadhna. Bha sin ann am manifesto nan Tòraidhean ron taghadh choitcheann. Thuirt Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, gun dèan seo cron air gnìomhachas ath-nuadhachail na h-Alba, agus thuirt àrd-oifigeach Scottish Renewables, Niall Stiùbhart, gur e droch naidheachd a th' ann dhan ghnìomhachas, agus 's dòcha do luchd-cleachdaidh air a' cheann thall.

A' Ghrèig

Coinnichidh ministearan Eòrpach Sòn an Euro ann an Lucsamburg feasgar a dheasbad iasad agus fiachan na Grèige. Mura pàigh a' Ghrèig na fiachan tha coltas ann gun tèid a cur a-mach às an airgead shingilte Eòrpach, agus 's dòcha às an Aonadh Eòrpach cuideachd. Thuirt fear-labhairt do Riaghaltas na Grèige gu bheil iad ag iarraidh aonta.

Ionnsaigh

Thèid fear mu choinneimh na cùirte ann an Lunnainn an-diugh fo chasaid mu ionnsaigh air boireannach òg aig an robh dùil ri leanabh a dh'aithghearr. Chaill am boireannach, a tha 21 bliadhna de dh'aois, a leanabh, ris an robh dùil an ceann mìos, san ionnsaigh air an t-sràid ann am Peckham. Tha i fhèin gu math ìosal anns an ospadal.

Siubhail Euslainteach

Tha NHS na Gàidhealtachd a' cur chosgaisean do dh'euslaintich a' siubhail dhan ospadal suas gu 15sg gach mìle. Chaidh an rèata ìsleachadh bho 18sg gach mìle gu 13sg an dèidh comhairle bho Riaghaltas Westminster an-uiridh. Ach chaidh gearain air sin, ann an sgìrean gu h-àraid, agus chaidh an rèata àrdachadh a-rithist. Chosg NHS na Gàidhealtachd còrr is £3m air siubhail euslainteach an-uiridh.

Teàrlach Ceanadach

Bidh seirbheis aig Oilthigh Ghlaschu a-nochd mar chuimhneachan air Teàrlach Ceanadach, am Ball-Pàrlamaid 's an t-seann Cheannard Lib-Deamach. Thèid stòras airgid a chur air bhonn aig an oilthigh mar chuimhneachan sònraichte air Mgr Ceanadach a bha na oileanach an sin, agus cuideachd na Reachdadair air an oilthigh. Chaochail Mgr Ceanadach na dhachaigh faisg air a' Ghearasdan bho chionn cola-deug.