Luchd-smàlaidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Dànachd" a dhìth air iomairt a' bhàta-slaodaidh

18 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Feumaidh luchd-iomairt a tha a' strì 'son bàta-slaodaidh fhaighinn air ais dhan Chuan Sgìth a bhith nas dàna a rèir fhir a tha na bhall de Bhòrd Smàlaidh na h-Alba, an Dtr Mìcheal Foxley.

A' bruidhinn aig coinneimh de Chomhairle nan Eilean Siar, dh'iarr e air buill strì a dhèanamh 'son an t-seirbheis as fheàrr a dh'fhaodadh a bhith aca - am measg sin dèiligeadh ri teintean aig muir.

Chualar mun obair mhòir a thathar a' dèanamh airson piseach a thoirt air an t-seirbheis air tìr agus aig muir.

Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.