Pròiseactan gaoithe ann an cunnart

Tuath-gaoithe Image copyright PA
Image caption Dh'fhaodadh an gluasad buaidh mhòr a thoirt air pròiseactan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan

Dh'fhaodadh nach tig cuid de thuathan-gaoithe a th' anns an amharc air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan gu bith a-nis idir às dèidh do Riaghaltas Westminster innse gun sguir iad a' toirt subsadaidhean dhaibh bhon Ghiblean an ath-bhliadhna.

Bha am Pàrtaidh Tòraidheach air a' phoileasaidh seo ainmeachadh anns a' mhanifesto aca ron taghadh choitcheann, ach tachraidh e a-nis bliadhna mus robh dùil.

Thèid stad a chuir air na subsadaidhean bhon 1mh là dhen Ghiblean 2016, ach le faochadh do phròiseactan a th' air cead-dealbhachaidh fhaighinn mar-thà.

Tha mu 3000 pròiseact gaoithe air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' feitheamh airson cead.

Alba

Tha dragh ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh an gluasad seo a thoirt air Alba far a bheil mu 70% dhen na tuathan-gaoithe a th' anns an amharc suidhichte.

Thuirt am Ministear airson Gnothachas, Cumhachd agus Turasachd ann an Riaghaltas na h-Alba, Fearghas Ewing, gum faodadh iad fhathast ath-sgrùdadh laghail iarraidh air a' phoileasaidh.

Thuirt a' chompanaidh Scottish Renewables, a tha a' riochdachadh mu 300 companaidh cumhachd ath-nuadhachail ann an Alba, nach robh co-dhùnadh Riaghaltas Westminster "ceart neo cothromach".

Tha am Pàrtaidh Tòraidheach ag ràdh gu bheil pròiseactan gaoithe gu leòr air cead fhaighinn mar-thà airson targaidean air cumhachd ath-nuadhachail a cho-lionadh.

Tha feum, tha iad ag ràdh, air poileasaidh cumhachd "cothromach", seach a bhith a' crochadh cus air neart na gaoithe.

Thuirt ball-pàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas MacNeìll, a tha cuideachd na chathraiche air Comataidh na Cumhachd agus Atharrachadh na Sìde, nach deach conaltradh ceart a dhèanamh leis a' ghnìomhachas, agus gur ann a chuireas am poileasaidh seo às de dh'obraichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile