Cead-craolaidh ùr do Chuillin FM

Bhan Chuillin FM
Image caption Thòisich an stèisean a' craoladh ann an 2004

Tha an stèisean rèidio Cuillin FM anns an Eilean Sgitheanach ag ullachadh tagraidh an-drasta airson an dàrna chead-craolaidh aca.

Thòisich an stèisean choimhearsnachd a' craoladh ann an 2004, agus thig a' chiad chead-craolaidh aca gu ceann an ath-bhliadhna.

Feumaidh iad iarrtas airson an dàrna chead-craoladh aca, a mhaireas 12 bliadhna eile, a chuir gu Riaghladair a' Chonaltraidh, Ofcom ro Dhimàirt sa tighinn.

Tha còrr is 40 duine an sàs anns an stèisean - agus 's ann gu saor-thoileach a tha a' mhòr-chuid dhiubh sin ag obair.

Co-obrachadh

'S e Ruaraidh MacCarmaig fear dhen na còrr is 28 duine a tha a' preasantadh phrògraman 's e ag ràdh gu bheil co-obrachadh math a' dol aig an stèisean.

"Bha na h-uiread de phreasantairean cho deònach a bhith a' tighinn a-steach gu saor-thoileach agus a' lìonadh a' chlàir-chraolaidh gach seachdainn le prògraman agus ma bha duine tinn neo air falbh airson na seachdainn bhiodh daoine a' tighinn a-steach agus bhiodh iad a' dèanamh a' phrògraim sin dhaibh".

"Tha sinn ag iarraidh a' cheangail làidir sin a thogail 's chan eil sinn ag iarraidh sin a chall anns na bliadhnaichean ri thighinn".

Tha £6000 a dhìth orra fhathast airson a' chead ùir 's iad trang ga chruinneachadh.

Thèid cuirm-ciùil a chumail ann an oidhirp cuid dhen na tha a dhìth a thional.

A-measg eile bidh Cuillin FM a' craoladh beò bho gheamaichean iomain air an eilean, agus tha Ruaraidh MacCarmaig ag ràdh gur e call mòr a bhiodh ann nan deigheadh an t-seirbheis a chall.

"Tha tòrr dhaoine ag ag iarraidh fiosrachaidh, tha tòrr dhaoine ag iarraidh ceòl a chluinntinn agus, nam bheachd-sa, dè bhiodh sin a' dèanamh às aonais stèisean ionadail? 'S e call air leth a bhiodh ann".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile