Iomairt gus sgeama an ADS a leudachadh

Plèana
Image caption Dh'fhaodadh gum feum Loganair itealain nas motha a cleachdadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun cuireadh tòrr a bharrachd dhaoine anns na h-Eileanan Siar feum air seirbheisean adhair nam biodh sgeama an ADS fosgailte do luchd-gnothaich agus seirbhisich chatharra.

Tha an sgeama a' toirt lùghdachaidh 40% air faraidhean adhair do dh'eileanaich, ach chan eil e fosgailte do luchd-gnothaich neo do luchd-obrach na roinne poblaiche.

Tha a' Chomhairle airson 's gun tèid an sgeama a chuir air ais mar a bha e fo thùs 's gum bi e fosgailte do mhuinntir nan Eilean air fad.

Tha iad a' cruinneachadh fiosrachaidh dhan Riaghaltas ann an oidhirp dearbhadh gun dèanadh e feum an sgeama a leudachadh a-rithist.

Faraidhean nas saoire?

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gun cuidicheadh leudachadh air sgeama an ADS 's iomairt a' dol anns na meadhanan sòisealta airson faraidhean adhair nas saoire dhan na h-Eileanan.

Tha coltas ann gur e itealain nas motha a dh'fheumas Loganair a chleachdadh nuair a thig an fheadhainn a th' aca an-dràsta gu deireadh am beatha-obrach, agus tha Mghr Dòmhnallach ag ràdh, ma thachras sin, gum feumar dòigh a lorg gus àrdachadh a thoirt air na tha de dhaoine gan cleachdadh.

"Uill 's e aon rud a tha dol ga dhèanamh 's e ADS a chuir air ais mar a bha e - chunnaic sinn nuair a thòisich ADS gun do dh'fhàs an àireamh a bha a' siubhail mòr aig an àm sin, agus gu bheil sin air crìonadh na h-uidhir air sgàth 's gu bheil na cosgaisean cho àrd agus sin fear dhen na rudan a dh'fheumas sinn a bhith a' còmhradh ri na companaidhean mu dheidhinn".

"Ma 's e 's gu bheil na h-itealain gu bhith nas motha tha e gu bhith comasach dhaibh barrachd dhaoine a thoirt air na h-itealain agus tha còir aig buaidh a bhith aig an sin air na faraidhean a bhios daoine a' pàigheadh".

Chuir còrr is 14,000 duine taic ri iomairt anns na meadhanan sòisealta airson seirbheisean adhair nas saoire dhan na h-Eileanan Siar agus dhan na h-Eileanan mu Thuath.

Gheall Ministear na Còmhdhail agus nan Eilean, Derek MacAoidh, gun coinneachadh e ri luchd-iomairt agus na companaidhean adhair fhèin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile