Teàrlach Ceanadach ga chuimhneachadh

  • Air fhoillseachadh
Teàrlach CeanadachTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha mòran air luaidh a dhèanamh air Teàrlach Ceanadach bho nochd naidheachd a bhàis

Chaidh luaidh a dhèanamh air Teàrlach Ceanadach aig seirbheis aig Oilthigh Ghlaschu oidhche Dhiardaoin.

Bha Mghr Ceanadach, a bhàsaich aig toiseach na mìos, na oileanach aig an oilthigh agus na reachdadair air fhad 's a bha e na bhall-pàrlamaid.

Chruinnich mu 600 duine aig an t-seirbheis - eadar luchd-poileataigs, caraidean agus feadhainn a chuir eòlas air na bheatha-obrach.

Chuir Mghr Ceanadach seachad 32 na bhall-pàrlamaid airson Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, agus còrr is sia bliadhna na Cheannard air na Lib Deamaich.

Chaill e an roinn aige - Ros, an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar - anns an taghadh air a' mhìos a chaidh.

'S e ruith-fala a thug bàs dha, air adhbharachadh le deoch-làidir.

Moladh mòr

Thuirt am Morair Uallas, a bha uair na Cheannard air na Lib Deamaich ann an Alba, nach cual' e Mgr Ceanadach a-riamh a' càineadh duine ris nach robh e ag aontachadh - nach do sheall e droch rùn sam bith dhaibh.

Bhiodh poileataigs ann an Alba na b' fhallaine an-diugh, thuirt e, nam biodh barrachd ann dha leithid.

Thuirt an t-Ollamh Anton Muscatelli, a tha na Phrionnsabal agus na Iar-Sheansalair air Oilthigh Ghlaschu, gu robh "ceartas sòisealta" dlùth dha chridhe, agus gu robh meas mòr aige air foghlam.

Thuirt Brian McBride, a bha na charaid dha Mgr Ceanadach fad a bheatha, nach robh e an dùil gum faiceadh daoine a shamhail a-rithist.

Dh'fhàg e an saoghal seo, thuirt e, "gun nàmhaid sam bith".

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh