Draghan mu RTE ann am Muile

Aiseag
Image caption Dh'fhaodadh àrdachadh mòr a thighinn air àireamh an luchd-siubhail nuair a thòisicheas RET air na h-aiseagan anns an Dàmhair

Tha dragh ann am Muile mu cho trang 's a bhios na h-aiseagan, agus rathaidean an eilein, nuair a thòisicheas sgeama an RET air an eilean anns an Dàmhair.

Bheir sin a' phrìs airson càr eadar an t-Òban agus Muile, agus air ais, sìos bho £70 gu £26.

Ged a tha fàilte ga cuir air an sgeama ann am Muile, tha dragh ann cuideachd mu na bhios de dhaoine a' siubhail air na h-aiseagan.

Fàgaidh seo rathaidean an eilein nas trainge, agus 's e rathaidean singilte a th' anns a' mhòr-chuid dhiubh sin.

Thuirt Neal Goldsmith, a tha na chathraiche air Comataidh Aiseagan Mhuile agus Ìdhe gum feum daoine ionnsachadh mar a chleachdas iad rathaidean singilte airson càraichean eile a leigeil seachad orra.

Thuirt Mgr. Goldsmith gu robh iad a' coimhead ris an t-suidheachadh ann an Arainn far an deach RET a thoirt a-steach air a' gheamhradh a chaidh.

Thuirt e, ann am Muile, gu bheilear a' sùileachadh gun tig àrdachadh de 37.5% air na tha a' cleachdadh aiseagan an eilein nuair a thòisicheas RET.

Bidh dà bhàta a' frithealadh na slighe as t-samhradh an ath-bhliadhna, le seirbheis ann gach uair a thìde.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile