Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

19 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gearraidhean Ghlaschu

Tha Comhairle Baile Ghlaschu ag ràdh gur dòcha gum feum iad ceud millean not eile a shàbhaladh thairis an ath-dhà bhliadhna. Tha sin a bharrachd air na gearraidhean a chuir iad romhpa mar-thà. Tha an t-ùghdarras ionadail as motha ann Alba a' coimhead ri beagan den airgead a chaomhnadh le trì mìle dreuchd a ghearradh, gun a bhith a' fastadh luchd-obrach às ùr nan àite.

Gearraidhean na Gàidhealtachd

Tha ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil suidheachadh ionmhais an ùghdarrais nas miosa na bha dùil agus gu bheil còrr 's dà fhichead 's còig millean not de ghearraidhean romhpa air an ath-thrì bliadhna. Feumaidh iad millean thar fhichead dheth sin a shàbhaladh an ath-bhliadhna. Tha oifigich ag ràdh gur e 's coireach nach eil dùil aca ri uimhir de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba, agus àrdachadh ann an cosgaisean peinnsein agus àrachas nàiseanta.

Am Pàrtaidh Làbarach

'S e meadhan-là an-diugh an ceann-ùine do thagraichean an ainm a chuir air adhart son ceannas agus leas-cheannas a' Phàrtaidh Làbaraich ann an Alba. Cha tàinig air adhart ach dithis, aig an ìre seo, Kezia Dugdale agus Ken Mac an Tòisich, son dreuchd a' cheannard. Tha triùir a' seasamh son obair a leas-cheannard, Gòrdan MacMhathain, Rideard Baker agus Ailig Rowley. Bidh an co-dhùnadh ann am meadhan an Lùnasdail.

IS

Canaidh Dàibhidh Camshron an-diugh gu bheil pàirtean de choimhearsnachd Mhuslamach Bhreatainn a' cur taic ri feallsanachd na Stàite Ioslamaich. Agus innsidh e do cho-labhairt ann an Slovakia nach bu choir a bhith a' cur coire air na seirbheisean tèarainteachd nuair a tha buaidh raidigeachd a' toirt air daoine òg à Breatainn a bhith a' siubhail gu ruige IS ann an Siria.

Charleston

Thèid fear mu choinneimh cùirte anns na Stàitean Aonaichte an-diugh fo amharas mu mhurt naoinear dhaoine dubha aig eaglais ann an Charleston an Ceann a Deas Charolina. Chaidh Dylann Roof - a tha 21 - a chuir an greim còrr' s dà cheud mìle air falbh ann an Carolina bho Thuath.

Stailc Chal Mac

Bidh cuairt eile de chòmhraidhean ann an ath-sheachdainn eadar an t-aonadh RMT agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus iad a' feuchainn ri stailc a sheachnadh seachdainn bhon diugh. Thuirt an dà thaobh gun do rinn iad adhartas nuair a choinnich iad an-dè.

RBS

Thuirt Banca Rìoghail na h-Alba gun do chuir iad ceart trioblaid compiutair a thug buaidh air mìltean mòr de luchd-cleachdaidh an t-seachdainn seo. Thuirt RBS gu bheil iad duilich mun chùis a thug buaidh cuideachd air cunntasan banca eile a bhuineas dhaibh - Natwest, Banca Ulaidh agus Coutts.