Bratach ùr Ghallaibh

Bratach
Image caption Faodar taghadh a dhèanamh eadar ceithir diofar bhrataichean

Tha cothrom aig muinntir Ghallaibh taghadh dè a' bhratach ùr as fheàrr leotha airson na sgìre.

Chaidh na ceithir diofar bhrataichean a thaghadh le panal-breithneachaidh ann an Inbhir Ùige às dèidh dhaibh tagraidhean fhaighinn bho air feadh an t-saoghail.

Image caption Tha na brataichean a' togail air ìomhaighean a tha a' nochdadh ann an dualchas na sgìre

'S e am poball fhèin a roghnaicheas a-nis dè an tè as fheàrr leotha.

Faodaidh duine sam bith, a tha nas sine na còig bliadhna a dh'aois, hòtadh san fharpais le bhith a' cur fios gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Image caption Tha an fharpais fosgailte do dhaoine ann an àite sam bith

Feumaidh bhòtaichean a bhith staigh ro 4f air Dihaoine, an 31mh là dhen Iuchar.