Binn 15 bliadhna air Sandra Bruce

An taigh ann am Breachais far an robh Tormod agus Sandra Bruce a' fuireach
Image caption Chaidh corp Thormoid Bruce fhaighinn anns an taigh aige sa Ghearran an-uiridh

Chaidh binn de cho-dhiù 15 bliadhna sa phrìosan a chuir air Sandra Bruce a chaidh a dhìteadh airson an duine aice a mhurt ann am Breacais anns an Eilean Sgitheanach an-uiridh.

Bha Sandra Bruce, a tha 61, air a dhol às àicheadh gun do mhurt i Tormod Bruce nan dachaigh ann am Breacais anns a' Ghearran 2014.

Bha Tormod Bruce, a bha 64 agus a b' àbhaist a bhith ag obair mar pharamedic, roimhe a' fuireach ann an Siorrachd Adhair, mus do ghluais e dhan Eilean Sgitheanach ann an 1991 neo 1992.

Bha Sandra Bruce a' cumail a-mach tron chùis-lagha gu robh i air a bhith a' fulaing dochann san dachaigh, 's thuirt i nach robh cuimhne aice air na thachair air an oidhche mus deach an duine aice fhaighinn marbh.

Thuirt am britheamh, am Morair Armstrong, anns an Àrd Chùirt ann an Glaschu, gun tug i "ionnsaigh bhrùideil" air Tormod Bruce aig àm nuair nach b' urrainn dha e fhèin a dhìon.