"Barrachd aire" dhan Ghàidhlig air BBC Alba

BBC Alba
Image caption Tha MG Alba air am misneachadh le mar a tha a' dol do BhBC Alba.

Bidh barrachd aire ga thoirt dhan Ghàidhlig air BBC Alba, a rèir Àrd-Oifigear MG Alba, Dòmhnall Caimbeul.

Thèid cuideachd stiùireadh is taic a thoirt do chompanaidhean is riochdairean gus am bi iad "mothachail air cho cudromach is a tha e an t-urram air a bheil a' Ghàidhlig airidh" a thoirt dhan chànan.

Bha Mgr Caimbeul a' bruidhinn agus MG Alba air an aithisg bhliadhnail aca fhoillseachadh.

Fhuair an aithisg gu bheil Craoladh na Gàidhlig a' cur còrr is £23 millean not ris an eaconomaidh gach bliadhna agus gu bheil 22 companaidh riochdachaidh a' soirbheachadh tron t-sianail.

Fhuaireadh gu bheil a' dol gu math dhan t-sianal am measg an luchd-amhairc le còrr is 700,000 duine ga choimhead.

Dùblachadh

Tha MG Alba cuideachd glè thoilichte leis a' ghoireas air-loidhne LearnGaelic is iad ag ràdh gu bheil na tha ga cleachdadh air dùblachadh gu 20,000 sa bhliadhna a chaidh.

Tha iad ag aideachadh ge-tà, às dèidh dhaibh conaltradh a dhèanamh, gu bheil daoine ag iarraidh piseach air an t-seirbheis, gu h-àraid a thaobh na th'air de Ghàidhlig, fo-thiotalan agus ath-chraolaidhean.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Àrd-Oifigear MG Alba, Dòmhnall Caimbeul.

"Gun airgead mòr a bharrachd cha gabh mòran a dhèanamh mu dheidhinn ath-chraolaidhean", dh'aidich Mgr Caimbeul.

"'S e pàirt den argamaid a tha sinn a' cur air adhart, 's e fon chàirt rìoghail ùr gum biodh gealladh nas làidire a' tighinn bhon BhBC airson craoladh Gàidhlig agus bhitheamaid an dòchas, anns na bliadhnaichean a tha ri tighinn, gum b'urrainn cur ris an airgead airson nas lugha de dh'ath-chraolaidhean agus barrachd de phrògraman ùr a chruthachadh", thuirt e.

Nochd cuid beachd sa chonaltradh phoblach gum bu chòir Gàidhlig a bharrachd a bhith air an t-sianal is gum bu chòir dha a bhith nas fhaisg air a' chultar fhèin.

Iomairt

Chaidh cuideachd an iomairt Gàidhlig-TV a stèidheachadh ann an 2014 is an fheadhainn a tha air a cùlaibh ag ràdh gu bheil cus Bheurla air BBC Alba.

Fhuair an iomairt na h-uidhir de thaic bhon uairsin.

Thuirt Mgr Caimbeul gum feumar cothromachadh a dhèanamh eadar na tha an luchd-amhairc gu lèir ag iarraidh.

"Feumar cumail sùil gheur air a' mhòr-shluagh oir tha pàirt mòr den obair againn, saoilidh mi, 's ann mu dheidhinn a bhith a' togail inbhe na Gàidhlig gu nàiseanta an lùib dhaoine agus a bhith a' brosnachadh dhaoine a bhith a' gabhail ris a' Ghàidhlig gu nàdarra agus a bhith a' fàs cleachdte ris a' Ghàidhlig", thuirt Mgr Caimbeul.

Thèid an cothromachadh sin fhaicinn anns na prògraman a bhios air an t-seanal, thuirt e.

"Nas bàidheile"

"Chan urrainn a h-uile prògram a h-uile sian a dhèanamh airson na Gàidhlig agus tha cuid a phrògraman, 's e a tha sinn ag ràdh mun deidhinn, 's e gum bi iad a' tarraing daoine chun na Gàidhlig, 's dòcha daoine a tha coma co-dhuibh mun Ghàidhlig agus a bhith gan gluasad a bhith nas bàidheile.

"Tha cuid a phrògraman eile a th'ann, 's e an obair aca ann an dòigh a bhith a' brosnachadh dhaoine gu bhith a' tighinn gu fileantas no fiù 's a bhith a' tòiseachadh air ionnsachadh Gàidhlig", thuirt e.

Dh'innis e cuideachd ge-tà gum bi àite a bharrachd ann dhan chànan fhèin.

"Bidh barrachd aire air a thoirt air a' Ghàidhlig gu dearbha fhèin, tha sin cinnteach agus tha sinn a' foillseachadh an stiùir a tha sinn a' toirt seachad dhuinn fhìn agus do chompanaidhean agus do dhuine sam bith eile agus 's e gu bheil gum feum urram a shealltainn dhan Ghàidhlig.

"Tha sinn airson is gum bi a' Ghàidhlig cho beartach agus cho math 's as urrainn air an t-sianal, gun gabh Gàidheil gu h-àraidh tlachd bhon t-seirbheis, gun dèan iad gàire, gum bi iad a' faireachdainn faisg air na chì iad. 'S e sin ann an dòigh a' phrìomh amas", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile