Còmhraidhean ùra aig Cal Mac is RMT

  • Air fhoillseachadh
Cal Mac
Fo-thiotal an deilbh,
Tha còmhraidhean a' dol air adhart eadar an RMT is Cal Mac is stailc san amharc Dihaoine.

Tha còmhraidhean a' leantainn Diluain eadar Aonadh an RMT agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus luchd-obrach ag ullachadh airson stailc Dihaoine.

Tha an RMT ag iarraidh gealltanas gun tèid na cùmhnantan-obrach agus peinnseanan a th' ann an-dràsta a chur ann an cùmhant ùr nan aiseag a tha Riaghaltas na h-Alba a' cur a-mach gu farpais.

Dh'iarr cuideachd nach rachadh duine a chur a-mach às an dreuchd an aghaidh an toil.

'S iad Cal Mac fhèin, a tha fo smachd an Riaghaltais, agus a' chompanaidh phrìbhideach, Serco, a tha a' farpais 'son a' chùmhnaint.

A bharrachd air stailc Dihaoine , diùltaidh luchd-obrach cuideachd uairean a bharrachd obrachadh Diciadain is Diardaoin.

Thuirt an dà thaobh gun do rinn iad adhartas an uair a choinnich iad an t-seachdain seo chaidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh