Stailc Chal Mac a' dol air adhart

  • Air fhoillseachadh
Cal Mac
Fo-thiotal an deilbh,
Cha tàinig adhartas às na còmhraidhean eadar Cal Maca agus an RMT Diluain.

Tòisichidh luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn air iomairt-obrach bho Dhiciadain às dèidh do chòmhraidhean eadar Aonadh an RMT agus a' chompanaidh a dhol ma sgaoil gun aonta.

Bhòt buill an aonaidh airson stailc roimhe is mì-thoileachas ann mu obraichean, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan is cùmhnant ùr nan aiseag a' dol a-mach gu farpais.

Dh'innis an RMT gun rachadh luchd-obrach air stailc Dihaoine is nach dèanadh iad uairean a bharrachd Diciadain air neo Diardaoin.

Thuirt an dà thaobh gun do rinn iad adhartas nuair a choinnich iad an t-seachdain seo chaidh, ach tha an RMT ag ràdh a-nise nach tàinig gu leòr às na còmhraidhean ùra Diluain is gun tòisich an iomairt bho Dhiciadain, mar a bha dùil.

"A dh'aindeoin gach oidhirp a rinn sinn, cha tàinig adhartas gu leòr às na còmhraidhean", thuirt Mick Cash bhon RMT.

"Gun seadh"

"Tha e iongantach dha-rìribh gu bheil an fheadhainn a th'ann an cumhachd ann am poileataigs air argamaid gun seadh a chur air adhart a thaobh dè dìreach a tha an lùib gnothaichean a chur dhan roinn phrìbhidich is dè nach eil, seach a bhith a' cur dìon air seirbheisean aiseig riatanach.

"S e buille mhòr a tha sin dhan luchd-obrach a tha air bliadhnaichean de sheirbheis a thoirt seachad.

"Tha an RMT ag iarraidh gealltanas air obraichean, cùmhnantan-obrach is peinnseanan agus tha sinn deònach còmhraidhean a bharrachd a chumail mun sin fhad 's a tha sinn a' tòiseachadh air a' chiad chuairt den iomairt-obrach a tha seo", thuirt e.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gum feum iad na seirbheisean a chur a-mach gu tairgse fo riaghailtean Eòrpach.

Tha iad ag ràdh cuideachd nach biodh na seirbheisean san roinn phrìbhideach fiù 's ged a rachadh an cùmhnant dhan chompanaidh Serco is gum biodh iad fhathast fo smachd an Riaghaltais tron chùmhnant.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh