MG ALBA
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

BBC ALBA a' cur ri eaconamaidh na h-Alba, a rèir MG ALBA

22 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha BBC ALBA a' cur £23M ri eaconamaidh na h-Alba, a rèir aithisg bhliadhnail MG ALBA, a chaidh fhoillseachadh Diluain.

Ged a thathas a' togail air soirbheachas an t-seanail san aithisg, tha bòrd MG ALBA cuideachd a' gabhail ris gu faodadh piseach tighinn air cuid a rudan, leithid na th'ann de ath-chraolaidhean agus ìre na Gàidhlig ann am feadhainn dha na prògraman.

Fhuair Angela Nic'Illeathain facal air cathraiche MG ALBA, Maggie Choineagan.