Caismeachd am Port Rìgh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fianais ga togail am Port Rìgh

23 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig an tuilleadh chuideam air NHS na Gàidhealtachd agus na ceudan a' cruinneachadh ann am meadhan Phort Rìgh Disathairne, airson fianais a thogail an aghaidh atharrachaidhean ann an seirbheisean slàinte na sgìre.

Tha dragh ann gu h-àiridh nach eil leigheas èiginneach ceithir uairean fichead ri fhaighinn ann am Port Rìgh an-dràsta, agus cuid ag ràdh gu bheil sin a' cur beatha dhaoine an cunnart.

Tha Seirbhis Slàinte na Gàidhealtachd air co-dhùnadh ospadal mòr ùr a bhios a' frithealadh air an eilean agus air Loch Aillse is Iar Dheas Rois, a thogail 'san Àth Leathann.