"Tàmailt" mu stailc Chal Mac

Cal Mac
Image caption Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gun adhbhraich an stailc "ùpraid mhòr".

Thuirt an dà chuid Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus Aonadh an RMT gur e tàmailt a th' ann dhaibh gun tèid luchd-obrach air iomairt-obrach is stailc an t-seachdain seo.

Chaidh còmhraidhean eadar an dà thaobh ma sgaoil gun aonta Diluain.

Cha dèan luchd-obrach uairean a bharrachd Diciadain air neo Diardaoin is thèid iad air stailc Dihaoine.

Tha mì-thoileachas ann mu obraichean, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan is cùmhnant ùr nan aiseagan a' dol a-mach gu farpais.

"Briseadh-dùil mòr"

Tha Cal Mac ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a th' ann dhaibh nach tàinig fuasgladh às na còmhraidhean.

"Thug sinn seachad tairgse gun cuireadh sinn gealladh nach cailleadh duine an dreuchd an aghaidh an toil mar phàirt den tagradh againn 'son cùmhnant nan aiseagan, ma 's e is gun cuireadh an RMT an stailc dheth", thuirt Àrd-Stiùiriche Chal Mac, Màrtainn Dorchester.

"Bha sinn cuideachd deònach obrachadh còmhla riutha gus aontachadh air brath sgrìobhte gus dìon a bharrachd a chur air luchd-obrach a thaobh chùmhnantan-obrach.

"Gu tàmailteach, chaidh seo a dhiùltadh.

"S e briseadh-dùil mòr a tha sin chan ann a-mhàin dhan fheadhainn a chailleas an tuarastal an t-seachdain seo, ach dha na mìltean a tha an dùil siubhail an t-seachdain seo.

"Cron mòr"

"Dh'fhaodadh seo cron mòr a dhèanamh air an eaconamaidh anns na coimhearsnachdan far a bheil sinn ag obair.

"Tha sinn ag obair air clàran-ama agus planaichan eile gus buaidh na stailce a lùghdachadh ach feumaidh daoine a bhith mothachail gum bi troimhe-chèile ann agus bu chòir dhaibh beachdachadh air dè cho riatanach 's a tha e dhaibh siubhail", thuirt e.

Thuirt Mgr Dorchester cuideachd gu bheil Cal Mac fhathast deònach a dhol an sàs ann an còmhraidhean às ùr.

Thuirt Gòrdon Màrtainn bhon RMT gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann dhaibh fhèin cuideachd.

"Thug sinn dhaibh litir tràth sa Chèitean leis na draghan a th' oirnn is chan eil iad fhathast air freagairt cheart a thoirt dhuinn mu na draghan a tha sin.

"Chaidh sinn a-steach dha na còmhraidhean le deagh rùn ach Diluain cha do rinn sinn adhartas, cha b' urrainn dhaibh no cha robh iad deònach na gealltanasan a tha a dhìth oirnn a thoirt seachad.

"Maill"

"Cuiridh seo maill air daoine is chan e sin a tha sinn ag iarraidh idir, ach cha robh roghainn againn ach seo a dhèanamh air sgàth dol a-mach an luchd-stiùiridh tharis air grunn mhìosan," thuirt e.

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gum fàg an stailc "ùpraid mhòr" anns na h-Eileanan an Iar.

Thog e dragh nach bi anns an stailc seo ach toiseach-tòiseachadh is gum faodadh an tuilleadh a bhith ann.

Dh'iarr e air gach taobh suidh sìos còmhla às ùr feuch aonta a ruighinn.

"Bhithinn an dòchas gun cum iad a' dol a chòmhradh o chionn mura bi iad a' còmhradh, cha tèid càil air adhart".

Dh'iarr Mgr MacAoidh cuideachd air daoine gun a bhith a' ceannach barrachd ghnothaichean na 's àbhaist dìreach air sgàth na stailce, is e ag ràdh nach dèan sin ach call.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile