Cead do raon-goilf ùr an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean cead seachad 'son raon-goilf ùr le 18 tuill an Inbhir Nis.
Cosgaidh an raon, a tha na phàirt den phròiseact gus ceangail-rathad an iar air Inbhir Nis a thogail, £7.5m.
Feumar Raon-Goilf Thòrr Bheathain a ghluasad mar phàirt den phròiseact sin gus àite a dhèanamh dhan rathad.
Thèid an raon ùr a thogail air pìos den raon a th' ann agus talamh àiteachais
A bharrachd air an raon fhèin, bidh togalach chluba ùr ann agus pàirce chàraichean.
Gheibhear dhan raon bho rathad ùr far Rathad an t-Seanalair Booth.
Tòisichidh obair air an raon an 2016.
Thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Jimmy Gray, gum bi an raon ùr nas fheàrr na am fear a th' ann an-dràsta, is gum faigh tòrr dhaoine ann an Inbhir Nis buannachd às anns na bliadhnaichean ri tighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 23 Am Faoilleach 2014