Fearann ùr

Cò leis am fearann?

Am beachd Nicola Sturgeon 's ann le dream fada ro bheag a tha e, rud a bu chòir atharrachadh.

A rèir tuirim, tha mun dàrna leth den fhearann phrìobhaiteach ann an Alba le 432 duine a-mhàin.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gum bu chòir do mhòr-chuid seach beag-chuid de dh'Albannaich buannachd fhaighinn às.

Mar sin, nuair a chaidh i na Prìomh Mhinistear as t-Fhoghar, thuirt i gun tigeadh bile air adhart a bheireadh cruth-atharrachadh air lagh an fhearainn ann an Alba.

A-nis tha am bile sin againn.

Faothachadh

Aig cridhe a' bhile tha gnìomh a bheireadh cumhachd ùr do mhinistearan toirt air uachdarain an cuid fearainn a reic ma tha iad a' cur "bacadh air leasachadh eaconamach".

Agus, ma ghabhas a' Phàrlamaid ris, thèid crìoch a chur air an fhaochadh cìse a fhuair oighreachdan seilge o 1994.

Tha an Riaghaltas a' moladh gun tèid an t-airgead a chleachdadh gus a thrì uidmir a chur ri Stòras Fearainn na h-Alba, a bheir taic do choimhearsnachdan fearann a cheannachd.

Tha iad a' tomhas gun togadh sin airgead gu leòr airson àrdachadh bhon £3m a tha san Stòras am-bliadhna, gu £10m gach bliadhna o 2016 air adhart.

A bharrachd air sin, tha Aileen NicLeòid - am ministear le dleastanas airson a' bhile - airson 's gum bi e nas fhasa ionnsachadh cò leis am fearann agus dè an luach a tha ann.

Ro dheireadh 2020, tha i airson na tha de dh'fhearann ann an làmhan na coimhearsnachd a dhùblachadh o 500,000 gu milean acair.

Mèirle

Cha tèid am bile seo troimhe gun chonnspaid.

Am beachd nan Tòraidhean anns a' Phàrlamaid, chan eil ann ach mèirle gun chiall.

Agus taobh a-muigh, tha buidhnean uachdaran ag ràdh gu bheil am bile mì-chothromach dhaibhsan agus gun dèan e cron air a' chomhas aca cosnaidhean a chruthachadh air an fhearann.

Thèid na beachdan sin, agus feadhainn eile, a chluinntinn air an dòigh àbhaistich anns na mìosan a tha romhainn.

Ach tha Nicola Sturgeon air a cliù fhèin mar Phrìomh Mhinistear a chur air a' bhile seo.

Ceart no ceàrr, is coltach gu bheil atharrachadh mòr air fàire.