Fearann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bile Fearainn ga fhoillseachadh

24 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gun tèid toirt air uachdarain na h-Alba fearann a rèic, ma theid a mheas gu bheil iad a' cur bacadh air leasachadh ionadail.

Tha seo mar phàirt de reachdas ùr air ath-leasachadh fearainn a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil molaidhean a' bhile a dhìth gus an toir fearann na h-Alba buannachd do mhòr-chuid seach beag-chuid de dh'Albannaich.