Bòrd Slàinte nan Eilean Siar
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fearg mu sheirbheis na slàinte sna Hearadh

24 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha muinntir Cheann a Tuath an Hearadh fhathast gu math mì-thoilichte mu sheirbheis nan dotair-teaghlaich taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

Thog a' chomhairle choimhearsnachd dragh mu mar a thug e sia uairean a thìde dotair a thighinn a choimhead air euslainteach a bha a' gearainn cion-analach.

Tha an t-seirbheis air a bhith ga ruith bho Steòrnabhagh fad grunn mhìosan a-nis.