Dragh mun iasgach far Ratharsair

HMS Vanguard Image copyright PA
Image caption Chaidh suidheachadh sgìre dheuchainn nam bàtaichean-aigeann a thogail aig Westminster oidhche Mhàirt.

Chaidh dragh a thogail gum faodadh leudachadh ann an sgìre deuchainn nam bàtaichean-aigeann eadar Ratharsair agus a' Chomraich cron a dhèanamh air an iasgach san sgìre.

Thog BP na sgìre, Iain Blackford, an gnothach ann an Taigh nan Cumantan oidhche Mhàirt.

Tha casg mar thà air iasgach ann an raon sia mìle a dh'fhaid agus trì mìle a leud den Lighe Ratharsaireach, far am bi Ministrealachd an Dìon a' dèanamh dheuchainnean air bàtaichean-aigeann.

Tha an MOD a-nise ag amas air meud an raoin a leudachadh.

Thuirt Mgr Blackford gu bheil iasgach fìor chudromach san sgìre is gum faodadh casg a bharrachd còrr is 100 cosnadh a chur ann an cunnart.

"Maslach"

Thuirt e gu bheil obair air tòiseachadh air an leudachadh mar thà, is gun robh sin maslach an uair nach robh co-chomhairle air a' ghnothach air fosgladh fhathast.

Rinn Mgr Blackford comas eadar an suidheachadh is fuadaichean nan Gàidheal is e ag ràdh gum faodadh daoine a-nise a bhith air an casg bhon mhuir mar a bha iad uair gan sguabadh far na talmhainn.

Dh'iarr e gun tèid an MOD an sàs ann an còmhraidhean ris fhèin agus ri muinntir an àite gus am bi e follaiseach dè tha a' dol air adhart agus a bheil dòigh ann gun obraich an MOD is a' choimhearsnachd còmhla.

Thuirt Ministear an Dìon, Philip Dunne, nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast a thaobh atharrachadh air casg air an iasgach.

Gheall e gur ann glè bheag a bhiodh atharrachadh sam bith a bhiodh ann is gum biodh còmhraidheann ris na h-iasgairean ann sa chiad dol a-mach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile