Dragh às ùr mu sgìrean glèidhte

Iasgach
Image caption Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar gun toir sgìrean glèidhte a bharrachd aig muir fìor dhroch bhuaidh air an iasgach.

Thuirt Cathraiche Comataidh Leasachadh Seasmhach Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid, gu bheil feum air soilleireachadh bhon Roinn Eòrpa mu na riaghailtean a thaobh sgìrean glèidhte aig muir.

Bha Mgr MacLeòid a' bruidhinn às dèidh dhan Chomhairle coinneachadh ri riochdairean bho Bhuidheann Mara Riaghaltas na h-Alba is Dualchas Nàdair na h-Alba

Thog an t-ùghdarras ionadail dragh aig a' choinneimh mun bhuaidh a bheireadh leudachadh a bharrachd ann an sgìrean glèidhte aig muir air an iasgach.

Thuirt MacLeòid às dèidh làimh nach robh e den bheachd gun d' fhuair iad èisdeachd.

"Bha an aon chòmhradh againn riuth 's a bh' againn aig na coinneamhan poblach a' dol air ais dhà no trì mìosan.

Faireachdainn

"Bha dùil againn gun robh iad ag èisteachd, is gheall iad dhuinn a-rithist gun robh iad ag èisteachd agus gun atharraich cùisean ach 's e am faireachdainn a th' agam fhìn agus aig a' mhòr-chuid de na buill, 's e nach eil iad ag èisteachd.

"Tha am fiosrachadh aca, tha fios aca dè mar a tha na h-iasgairean is coimhearsnachd an iasgaich a' faireachdainn, agus 's e am faireachdainn a th' agam gu bheil na cluasan aca dùinte", thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh nach eil feum air dìon shònraicthe air na sgìrean seo is gur e eòlas is tuigse nan iasgairean tharis air iomadach ginealach a tha a' fàgail gu bheil iad cho aithnichte a thaobh na h-àrraineachd.

Thuirt e nach eil adhbhar ann sin atharrachadh.

Tha e den bheachd gum feum a' Chomhairle a-nise freagairtean a shireadh san Roinn Eòrpa.

Cridhe

"S e an rud as miosa mun Roinn Eòrpa, 's e a bhith a' faighinn a-steach gu cridhe na Roinn Eòrpa.

"Na daoine a tha a' dèanamh an-àirde nan riaghailtean, tha e duilich faighinn grèim orra, ach tha an t-àm air a thighinn an uair a dh'fheumas sinn soilleireachd mu dheidhinn nan riaghailtean a tha seo", thuirt e.

Thog e dragh cuideachd mu riaghailt a tha a' fàgail gu bheil inbhe sgìre ghlèidhte ga cur air sgìre cho luath 's a thòisicheas co-chomhairle mun tiotal sin a chur oirre.

Thuirt e gun robh sin a' dol gu tur an aghaidh phrionnsabalan cho-chomhairle.

Dleasdanas

Thuirt Buidheann Mara Riaghaltas na h-Alba gu bheil dleasdanas orra fo reachdas naiseanta is Eòrpach dìon a chur air an àrraineachd aig muir.

Thuirt iad nach eil iad fhathast air meòrachadh air na h-argamaidean saidheansail airson nam molaidhean ùra is gun lean còmhraidhean ri ùghdarrasan ionadail cho math ri co-chomhairle ris a' phoball.

Dh'innis a' bhuidheann cuideachd gu bheil an siostam a th' ann a thaobh sgìrean a chomharrachadh mar sgìrean ghlèidhte fhad 's a tha co-chomhairle ga dèanamh mun dheidhinn air a bhith ann bho 1995.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile