Caledonian Mac a' Bhriuthainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt-obrach air tòiseachadh

25 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a th' ann an Aonadh an RMT air iomairt-obrach.

Tha iad a' diùltadh uairean a bharrachd a dhèanamh Diciadain is Diardaoin is thèid iad air stailc Dihaoine.

Tha mì-thoileachas ann mu obraichean, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan is cùmhnant ùr nan aiseagan a' dol a-mach gu farpais.

Tha dragh mun bhuaidh a bhios ann air coimhearsnachdan air an taobh an iar.