Buaidh air seirbheisean Chal Mac
- Air fhoillseachadh

Tha buaidh air grunn de na seirbheisean aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn Diardaoin is luchd-obrach bhon RMT air iomairt-obrach.
Gheibhear am fiosrachadh às ùire mu dè na seirbheisean a tha air atharrachadh air làrach-lìn na companaidh.
Thòisich luchd-obrach a' diùltadh uairean a bharrachd obrachadh Diciadain is leanaidh sin tron là Diardaoin.
Tòisichidh stailc là aig meadhan-oidhche Diardaoin.
Gealltanasan
Tha an t-aonadh a' sireadh ghealltanasan air obraichean, cùmhnantan-obrach is peinnseanan agus cùmhnant nan aiseagan a' dol a-mach gu tairgse.
Thuirt an RMT nach robh iad idir 'son a dhol air stailc ach nach robh roghainn eile aca is iad a' fàgail air Cal Mac nach b' urrainn dhaibh, no nach robh iad deònach, èisteachd ris na draghan a thog iad.
Thuirt Cal Mac fhèin gun tug iad tairgse gum biodh gealltanas air obraichean mar phàirt den tagradh aca 'son cùmhnant nan aiseagan, ma 's e is gun cuireadh an RMT an stailc dheth. Thuirt iad gun robh iad cuideachd deònach obrachadh leis an RMT mu na draghan eile, ach gun deach an tairgse a dhiùltadh.
Buaidh
Ged a dh'fhoillsich Cal Mac clàr-ama eadar-amail, is iad ag ràdh gum bi iad a' seòladh air 10 de na 27 slighean a th'a aca, tha dragh mòr ann fhathast mun bhuaidh air coimhearsnachdan.
Thog VisitScotland anns na h-Eileanan an Iar iomagain mun chall a bhios ann do ghnìomhachas na turasachd aig fear de na h-ammanan as trainge den bhliadhna.
Thuirt Ailean MacCoinnich, a tha na mhanaidsear aig VisitScotland anns na h-Eileanan an Iar, gu bheil an gnothach a' bualadh air daoine mar thà.
Ailean MacCoinnich, VisitScotland.
"Tha iad a' fulang gu mòr. Tha cuid aca an dèidh seachdain a chall bhon aon là a tha seo a tha an stailc gu bhith ann. Tha sin a' toirt buaidh orrasan agus air a' ghnìomhachas san fharsaingeachd", thuirt e.
Dh'iarr Mgr MacCoinnich gun suidh a h-uile duine san àimhreit eadar an RMT agus Cal Mac sìos còmhla gus am faigh iad gu rèite.
Bha iomagain mhòr ann am Barraigh is rèis Bharrathon a' dol air adhart air an deireadh-sheachdain.
Thog an fheadhainn a tha air a cùlaibh dragh nach fhaigheadh daoine chun an eilein le sgrios air an eaconamaidh ri linn.
Ged a tha Cal Mac air aontachadh seòladh sònraichte a chur air dòigh aig 12:46m Disathairne eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil, tha na Barraich den bheachd fhathast nach tig uimhir 's a bha dùil.
Ceiteag NicNeill, Cathraiche Bharrathon.
Chaidh Buidheann Turasachd Innse Gall an sàs san deasbad is iad ag ràdh gu bheil e gu tur ceàrr gu bheil daoine a tha a' tadhail air eileanan a' chosta an iar agus gnìomhachasan ionadail a' fulang ri linn na h-àimhreit.
Dh'iarr iad gun tèid airgead-diolaidh a phàigheadh dha na gnìomhachasan agus an luchd-tadhail.
Dh'aidich BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil a h-uile coltas ann a-nise gun tèid an stailc air adhart.
Thuirt e ge-tà, gu bheil e an dòchas gun gabh rèite a ruighinn gus nach tig stailc eile.
Tha e air tighinn am bàrr ge-tà gu bheil earrann eile de luchd-obrach Chal Mac a' beachdachadh air stailc.
Tha an TSSA, an t-aonadh a tha a' riochdachadh ceud duine a tha ag obair ann an oifisean Chal Mac, a' cumail baileat an ath-sheachdain agus dragh orrasan cuideachd mu dè thachradh nan cailleadh Cal Mac na seirbhisean ris a' chompanaidh phrìobhaitich, Serco.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 24 An t-Ògmhios 2015
- 22 An t-Ògmhios 2015
- 23 An t-Ògmhios 2015