Dreach is Dachaigh ùr do LearnGaelic

Gary Lewis Image copyright Ian Rutherford
Image caption Bha an cleasaiche Gary Lewis ann gus dreach ùr LearnGaelic a chur air bhog gu h-oifigeil.

Chaidh dreach ùr den làraich-lìn LearnGaelic fhoillseachadh.

Tha cuideachd dachaigh ùr aig an làraich is i a' gluasad gu .scot seach .net

Chuireadh an làrach air dòigh ann an 2011 leis an amas gur e a' chiad àite dhan rachadh daoine le ùidh ann an Gàidhlig.

Tha an làrach air fàs bhon uair sin is tha e coltach gu bheil gnothaichean air tighinn air adhart gu mòr bho nochd am prògram tbh Outlander anns na Stàitean Aonaichte an-uiridh.

Nochd an cànan gu mòr sa phrògram.

Sa bhliadhna mu dheireadh, chuir 207,000 duine feum air LearnGaelic, àrdachadh de 90% air a' bhliadhna rona sin.

Tha 70,000 faidhlichean fuaime san làraich, a' toirt cothrom dha luchd-cleachdaidh fuaimneachadh ceart air facail Ghàidhlig a chluintinn.

Tha earrainnean ùra ghràmair am measg rudan eile a tha a' nochdadh air an làraich ùir.

Bha fear de phrìomh chleasaichean Outlander, Gary Lewis à Glaschu, aig foillseachadh oifigeil LearnGaelic.scot

Thuirt Mgr Lewis gun robh ùidh mhòr aige sa chànan bho thùs is gu bheil e a' faicinn LearnGaelic mar ghoireas a chuidicheas daoine eile gus a dhol an sàs.

Còmhla ri Gary, bha dithis Ghàidheal a bha an lùib Outlander, Àdhamh Ó Broin is Gillebrìde MacIlleMhaoil.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Àdhamh Ó Broin a' bruidhinn mu LearnGaelic.scot

'S e co-bhanntachd a th' ann an LearnGaelic.scot eadar Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, am BBC, Bòrd na Ceiltis (Alba) agus Sabhal Mòr Ostaig còmhla ri buidhnean foghlaim agus Gàidhlig agus le taic bho Riaghaltas na h-Alba.

Mhìnich Ceannard Phrògraman BBC ALBA agus Àrd-Riochdaire LearnGaelic.scot, Alan Esslemont, dè bha air cùlaibh dreach ùr na làraich.

"Bho chaidh sinn air bhog ann an 2011 thathas mothachail gu bheil barrachd dhaoine a' faighinn fiosrachadh air innealan-làimhe agus mar sin bha e mar phrìomhachas a dhèanamh tòrr nas fhasa agus ruigsinneach airson an luchd-cleachdaidh seo.

"Tha cothroman air-loidhne nan dòigh èifeachdach ann a bhith a' cuideachadh agus ag àrdachadh ionnsachadh na Gàidhlig agus mar seo tha sinn air meudachadh ana-mhòr fhaicinn san àireamh de dhaoine a tha a' cleachdadh ar làrach.

"Tha an àireamh de luchd-leantainn tro na meadhanan sòisealta air fàs gu mòr sa bhliadhna a dh'fhalbh, le foillseachadh Outlander a' cuideachadh dhaoine gu bhith mothachail air duilleagan Twitter agus Facebook LearnGaelic", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile