Comhairle ag iarraidh coinneimh le Swinney
- Air fhoillseachadh

Iarraidh Comhairle na Gàidhealtachd coinneamh le Rùnaire an Ionmhais agus fìor dhragh orra mu shuidheachadh ionmhais an ùghdarrais.
Tha an naidheachd a' tighinn agus geàrraidhean de chòrr 's £40m air fàire thar an ath-thrì bliadhna - a thrì uimhir 's a bha iad a' smaoineachadh roimhe.
Chaidh innse do choinneimh dhen Làn-Chomhairle Diardaoin gu bheil gearraidhean nas miosa agus nas motha air fàire thar nan trì bliadhna a tha romhainn.
Thuirt Stiuiriche Ionmhais an ùghdarrais gur e mar a tha iad a' faighinn nas lugha de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba, àrdachadh ann an cosgaisean pheinnsein agus àrachais nàiseanta a bu choireach.
Dh'aontaich a' Chomahirle gun rachadh buidheann thar-phàrtaidh a chur air chois agus gun tèid coinneimh iarraidh le Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney.
Tha dragh air buill gun tèid am peanasachadh agus cion luchd-teagaisg na dhuilgheadas mòr air a' Ghàidhealtachd, ged a tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh nach tig lùghdachahd air an àireamh de luchd-teagaisg.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 25 An t-Ògmhios 2015