Dà thrian de lìonra Chal Mac na thàmh

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig
Fo-thiotal an deilbh,
Tha a' mhòr-chuid de bhàtaichean Chal Mac nan tàmh Dihaoine.

Tha dà thrìan de dh'aiseagan Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn nan tàmh is stailc 24 uairean air tòiseachadh aig meadhan-oidhche Diardaoin.

Chan eil seirbheis sam bith a' dol anns na h-Eileanan an Iar.

Chan eil aiseagan a' frithealadh air Colla, Tiriodh no Ìle nas motha.

Tha na seirbheisean eadar Sgonnsair is Ratharsair is an t-Òban is Liosmòr, agus na bàtaichean as lugha air slighean Mhuile, am measg an fheadhainn a tha a' seòladh.

Fiosrachadh

Gheibhear am fiosrachadh air fad an seo.

'S ann am measg luchd-obrach ann Aonadh an RMT a tha an stailc.

Tha iad a' sireadh ghealltanasan air obraichean, cùmhnantan-obrach is peinnseanan agus cùmhnant nan aiseagan a' dol a-mach gu tairgse.

Farpais

'S iad Cal Mac agus a' chompanaidh phrìobhaideach, Serco, a tha a' farpais 'son a' chùmhnaint.

Thàinig e am bàrr Diardaoin gu bheil earrann eile de luchd-obrach Chal Mac a' beachdachadh air stailc.

Tha an TSSA, an t-aonadh a tha a' riochdachadh ceud duine a tha ag obair ann an oifisean Chal Mac, a' cumail baileat an ath-sheachdain agus dragh orrasan cuideachd mu dè thachradh nan cailleadh Cal Mac na seirbhisean ri Serco.

Bidh còmhraidhean a bharrachd ann eadar Cal Mac is an RMT an ath-sheachdain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh