Pròbhost ùr an Inbhir Nis

Helen Carmichael Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption 'S i Helen Carmichae a' chiad bhoireannach ann an dreuchd a' phròbhoist an Inbhir Nis

Chaidh an Comh. Helen Carmichael a dhearbhadh gu h-oifigeil mar Phròbhost ùr Inbhir Nis.

'S i an Comh. Carmichael, a tha a' riochdachadh sgìre na h-Àirde agus Loch Nis, a' chiad bhoireannach a bhios san dreuchd.

Tha eachdraidh dreuchd a' Phròbhoist ann an Inbhir Nis a' dol air ais gu timcheall air 1400.

Chaidh an dreuchd agus obair Cheannard Sgire Inbhir Nis a chur còmhla mar phàirt den chrathadh a thug a' bhuidheann-riaghlaidh ùr, a tha fo smachd nan neo-eisimeileach, air gnothaichean na Comhairle.

Thuirt Helen Carmichael, a th' air a bhith na comhairliche bho 2004, gur e urram mòr a th' ann dhi is gu bheil fadachd oirre a dhol an sàs san obair.

Thèid i an àite Ailig Ghreumaich, a chaill dreuchd a' Phròbhoist às dèidh dha na Lib-Deamaich coiseachd a-mach às a' bhuidhinn-riaghlaidh a bh' ann.

Thuirt an Greumach gun robh e na thlachd mòr dha a bhith san dreuchd is gun robh iomadh là sònraichte aige na Phròbhost, nam measg a bhith a' comharrachadh 100 bliadhna bhon Chogadh Mhòr agus an uair a bhuannaich sgioba ball-coise a' bhaile, Caley Thistle, Cupa na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile