Droch thubaist air Taobh Sear Rois

Chaochail boireannach às dèidh tubaist rathaid air Taobh Sear Rois sa mhadainn Dihaoine.

Thachair an tubist eadar dà charbad air am B9175 faisg air a' Bhog, deas air Baile Dhubhthaich, mu 07.20.

Thuirt na poilis gu bheil dùil aca gum bi an rathad dùinte fad ghrunn uairean a thìde fhad 's a tha iad a' rannsachadh.

Tha iad air slighean eile a chomharrachadh do dhràibhearan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile