"Ceistean" mu dhol a-mach a' Choimisein

Baile croitearachd
Image caption Chan eil cùisean air a bhith rèidh do Choimisean na Croitearachd.

Thàinig rabhadh làidir bho Chaidreachas na Croitearachd gu bheil "obair mhòr" aig Coimisean na Croitearachd ri dhèanamh gus am bi làn earbsa aig croitearan annta.

Thug an Caidreachas am beachd am follais is Cailean Ceannadach ga ainmeachadh mar Fhear-Gairm ùr a' Choimisein.

Bha an neach-gairm a bh' ann, Susan Walker, air a dreuchd fhàgail sa Chèitean às dèidh do mhòr-chuid de na coimiseanairean bhòt-earbsa innte iarraidh.

Bha mì-thoileachas ann am measg chuid gun deach A' Bh.Ph Walker a chur san dreuchd bho thùs le Riaghaltas na h-Alba.

Taghadh

'Son a' chiad turais, fhuair na coimiseanairean fhèin air taghadh cò rachadh na h-àite.

Chan eil Caidreachas na Croitearachd air an dòigh idir leis mar a chaidh an gnothach a làimsicheadh.

"Às dèidh tacan de shàmhchair bho dh'fhàg Susan Walker a dreuchd tràth, tha sinn toilichte gu bheil rudeigin a' tachairt gus Coimisean na Croitearachd a chur air ais air stèidh nas cinntiche. Leigidh seo le na coimiseanairean an obair aca a dhèanamh", thuirt Leas-chathraiche a' Chaidreachais, Russell Mac a' Ghobhainn.

"Rinn croitearan toileachas gun robh coimiseanairean a bha air an taghadh le croitearan anns a' mhòr-chuid nuair a ghabh an Coimisean smachd air riaghladh a' ghnìomhachais ann an 2012.

"Mar sin, bha e na bhriseadh-dùil gu buileach gun tàinig am bùrach seo chun na h-ìre is gun robh aig Susan Walker ris an dreuchd aice fhàgail.

"S e tàmailt a th' ann nach deach adhbharan a thoirt seachad a thaobh bhòt-earbsa iarraidh, is nach deach dèiligeadh, a rèir choltais, ris a' choimiseanair a sgaoil an gnothach ris na meadhanan, rud a bhris modh-obrach na buidhne.

"Ceistean"

"Gun teagamh, tha ceistean ann fhathast mu dhol-mach a' Choimisein. Tha e an urra ris an Fhear-ghairm ùr a-nise seo uile a chur ceart.

"Tha sinn ge-tà, toilichte gun do leig Ministear na Croitearachd, Aileen NicLeòid, leis na coimiseanairean Neach-gairm a thaghadh an turas seo is tha sinn an dòchas gur ann mar sin a leanas.

"Tha cuid a tha gu math comasach fhathast air a' Choimisean is tha sinn an dòchas gun urrainn dhaibh gnothaichean a chur air dòigh a-nise.

"S e ar rùn a bhith ag obair gu dlùth ris a' a' Choimisean a chùm maith na croitearachd", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile