Red Arrows os cionn Steòrnabhaigh

Red Arrows Image copyright Getty Images
Image caption Tòisichidh taisbeanadh, a mhaireas leth-uair de thìde, aig 5:00f.

Nì an sgioba itealan na Red Arrows taisbeanadh os cionn baile Steòrnabhaigh Diluain mar phàirt de chomharrachadh gu bheil 150 bliadhna ann bho chuireadh Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air bhonn.

Tòisichidh an sgioba taisbeanadh, a mhaireas leth-uair de thìde, aig 5:00f.

Thèid aig daoine a dh'iarras a choimhead, sin a dhèanamh bho ionad an aiseig sa bhaile.

Thathas ag iarraidh air daoine a thig a-steach don bhaile airson sin an cuid chàraichean fhàgail an dàrna cuid aig Sgoil MhicNeacail, no ann an raon-pàrcaidh oifisean na Comhairle.

Thòisich an t-ùghdarras mar Coimisean Cidhe is Cala Steòrnabhaigh ann an 1865.

'S e a' bhuidheann reachdail as sine a th' anns na h-Eileanan Siar.