Còmhraidhean an RMT ri Cal Mac gan cur dheth

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig
Fo-thiotal an deilbh,
Bha dà thrian de sheirbheisean aiseig a' chosta an iar nan tàmh Dihaoine ri linn na stailce.

Chaidh còmhraidhean eadar Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus na h-aonaidhean, ris an robh dùil Diluain, a chur dheth.

Bha dà thrian dha na seirbheisean aiseig air a' chosta an iar nan tàmh Dihaoine, 's luchd-obrach bho aonadh an RMT air stailc 24 uairean.

Chaidh an stailc a chumail 's dragh air aonadh an RMT mu na thachras dhan luchd-obrach aca ma thèid seirbheisean Chal Mac a thoirt dhan chompanaidh phrìobhaidich, Serco.

Tha an RMT a' sireadh ghealltanasan mu phàigheadh, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan.

A thuilleadh air sin tha aonadh an TSSA, a tha a' riochdachadh ceud de luchd-obrach oifisean Chal Mac, ag ullachadh airson baileat mu stailc a chumail iad fhèin aig deireadh na seachdain seo.

Thuirt labhraiche do Chal Mac: "Bha dùil ri tuilleadh chòmhraidhean eadar riochdairean na companaidh agus riochdaran an RMT 's an TSSA Diluain, le amas fuasgladh a lorg don t-suidheachadh.

"Gu mì-fhortannach ge-tà, ri linn suidheachaidh ris nach robh dùil, feumar na còmhraidhean seo a chur dheth, agus tha sinn an-dràsta a' coimhead ri là agus uair eile a chur air dòigh air an son. Sgaoilidh sinn fiosrachadh nuair a tha e againn."

Thèid ceannardan an RMT a Westminster Dimàirt airson coinneimh le Rùnaire a' Chaibineit.