Taic airgid dhan Ghearradh Chruaidh

Caisteal Leòdhais Image copyright david maclennan/geograph
Image caption Chaidh Caisteal Leòdhais a thogail ann an 1847.

Thèid faisg air £4m a chosg air obair-leasachaidh agus ath-nuadhachaidh sa Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh.

Tha dòchas ann gum brosnaich an obair barrachd dhaoine gus a' phàirce a chleachdadh.

Tha an t-airgead a' tighinn bho Mhaoin Dhualchais a' Chrannchuir Nàiseanta.

'S i an aon phàirc de a seòrsa sna h-Eileanan an Iar - le gàraidhean foirmeil, slighean coiseachd, coille agus caisteal, tha an t-àite gu math eadar-dhealaichte bhon chòrr de na h-eileanan.

Chaidh an Gearradh Chruaidh a mheas "air leth" le Clàr nan Gàraidhean agus Cruthan-tìre Dealbhaichte.

Fhuair Urras Steòrnabhaigh, a tha a' ruith na pàirce às leth na coimhearsnachd, tabhartas de £3.9m bho Mhaoin Dhualchais a' Chrannchuir Nàiseanta.

Thèid an t-airgead a chosg air a bhith ga dhèanamh nas fhasa do daoine a' phàirce a chleachdadh agus air a bhith ag ath-nuadhachadh nithean eachdraidheil sa phàirce a dh'fhaodadh a bhith air a chall.

Cuiridh seo ris an obair-leasachaidh a tha a' dol air adhart aig Caisteal Leòdhais an-dràsta agus ann am meadhan baile Steòrnabhaigh.