Boireannach a dhìth ann an Uibhist

Tha oifigearan poilis anns na h-Eileanan an Iar a' sireadh fiosrachaidh mu bhoireanach à Uibhist nach do thill dhachaigh feasgar Diluain.

Chaidh Marion Donald fhaicinn mu dheireadh mu 2:00f aig Rathad Loch Portain ann an Uibhist a Tuath.

Bha Marion, a tha 51, a' dràibheadh bhana Citroen Berlingo.

Tha Marion geal, mu chòig troighean 's ochd òirlich de dh'àirde, le falt donn le dosan, agus bidh speuclairean oirre.

Bha geansaidh glas le currac, briogais dhubh agus brògan dubha oirre.

Tha na Poilis a' rannsachadh feuch an do shiubhail i a Shiorrachd Rinn Friù, far a bheil teaghlach aice agus tha iad ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic i fios a chur thuca.