Luchd-Entrepreneur a dhith air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha feum air luchd-entrepreneur a bharrachd air a' Ghàidhealtachd, a rèir eòlaiche às na Stàitean Aonaichte.
Thàinig Bill Aulet à Institiud Teicneòlais Massachusetts a dh'Inbhir Nis Dimàirt.
Thuirt Mgr Aulet gu bheil cothroman ann companaidhean a stèidheachadh ann an iomadach seòrsa àite is nach bu chòir cho iomallach 's a tha sgìre maill a chur air gnothaichean.
Tha e ag ràdh gu bheil ùidh mhòr aige ann an suidheachadh na Gàidhealtachd.
Comasach is dìcheallach
"Tha seo inntinneach dha-rìribh oir tha luchd-obrach an seo a tha comasach is dìcheallach is tha iad 'son fuireach an seo, ach feumaidh iad obraichean a chruthachadh dhaibh fhèin. Chan urrainn dhaibh a bhith an eisimeil dhaoine eile obraichean a thoirt dhaibh", thuirt Mgr Aulet.
"Ma tha thu 'son smachd a bhith agad fhèin air do chuid cosnaidh, 's e rudeigin a chruthachadh dhut dhèin an dòigh air sin a dhèanamh.
"Tha rudan an seo a tha air a bhith luachmhor; iasgach, turasachd is cumhachd, ach cha chuirinn a chaoidh maill air cuideigin a bhith a' dol an sàs ann an rudeigin diofraichte, can na meadhanan sòisealta no sanasachd no fiù 's seirbheisean IT", thuirt e.
Tha Mgr Aulet ann an Alba is e a' feuchainn ri daoine a lorg a thig air cùrsa a bhios aige aig Oilthigh Shruighlea san Lùnastal.