Bun-sgoil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgoiltean Sgitheanach a' fuireach fosgailte

1 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fanaidh ceithir bun-sgoiltean fosgailte 'san Eilean Sgitheanach, agus cead ga dhiulteadh do Chomhairle na Gàidhealtachd an dùnadh.

Fhuair Panal Ath-Sgrùdaidh Dùnadh nan Sgòiltean nach do choilean an t-ùghdarras an dleastanasan fon lagh a thaobh an co-chomhairleachadh a' rinn iad air a' chùis.

Bha luchd-iomairt air strì làidir a dhèanamh an aghaidh a' phlana airson na bun-sgoiltean a dhùnadh agus sgoil mhòr ùr a thogail nan àite.

Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd air ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh na breith.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris.