Sgeama-spadaidh fèidh ga mholadh ann an Uibhist a Deas

Fèidh Image copyright Geograph/Alan Reid
Image caption Thugar fèidh a dh'Uibhist a Deas an toiseach sna '70an.

Chuala coinneamh an Uibhist oidhche Mhàirt beachd gum bu chòir coimhead ri cur às dhan a h-uile fiadh a th' anns an àite, ri linn nan duilgheadasan a tha iad ag adhbhrachadh.

Chaidh a' choinneamh a chur air dòigh leis an uachdaran choimhearsnachd Stòras Uibhist, 's dragh a' sìor fhàs mu mar a tha iad a' sgapadh gu talamh ionaltraidh.

Thàinig fiadh a dh'Uibhist a Deas an toiseach bho choinn 40 bliadhna nuair a thug Oighreachd Uibhist a Deas seachd aighean agus co-dhiù aon damh dhan eilean.

Tha na h-àireamhan sìor a dhol am meud bhon uair sin.

As t-Earrach am-bliadhna rinn Àrd-Gheamair Stòras Uibhist, Ruairidh Mac'IlleBhrath, cunntas air cia mheud fiadh a bha air an oighreachd.

Fhuair e gun robh suas ri 250 damh ann, còrr is 350 agh agus beagan a bharrachd air 150 laogh còmhla ri na h-aighean.

"Bha a' chuid a bu mhotha dhiubh a-muigh air a' Bheinn Mhòir, am Borghadal agus ann an Uisinis, thuirt e.

Trioblaid

Ged is ann air a' mhòintich a tha na fèidh mar as trice, tha iad sìor theannadh air talamh croitearachd air taobh siar an eilein agus tha croitearan, leithid Dhòmhnaill Aonghais MhicAonghais ann an Staoinebrig, a' gearain gu bheil iad nan trioblaid mhòir.

"Tha fèidh a' tighinn a-staigh a h-uile oidhche nuair a tha i a' fàs dorcha agus tha iad a' dol air croitean agus ag ithe feur.

"Agus cuideachd tha gairtean orra agus tha na gairtean a' dol air caoraich agus an uair sin a' dol air cait agus air coin, an uair sin a' dol chun nan daoine.

"Tha daoine an uair sin a' faighinn a' ghalair Lymes air a shàilleabh.

"Tha iad an uair sin sa mhadainn a' dol a-mach a-rithist agus gu math tric bi iad a' falach, a' dol a-mach air a' bheinn," thuirt e.

Sgeama-spadaidh

Dh'aidich Stòras Uibhist gu bheil an t-àm ann smachd fhaighinn air àireamh nam fiadh agus mar sin tha iad an dùil barrachd a mharbhadh.

Ach tha iad cuideachd ag iarraidh cuideachaidh 'son an gluasad a-mach às na bailtean.

Chan eil Mgr MacAonghais den bheachd gun dèan sin feum sam bith agus tha e a' moladh an spadadh.

"Chan eil sìon feum an gluasad, tha iad a' dol gu baile eile agus an uair sin tha iad a' gluasad a h-uile oidhche agus an ath-là tha iad air ais a-rithist.

"Bha còrr aca a bhith air taobh an ear," thuirt Mgr MacAonghais.

Airson na fèidh a chumail air an taobh sear dh'fheumadh an t-uachdaran feansa a chur suas.

Cha bhiodh sin furasta, ach dhèanadh e feum, a rèir Ruairidh MhicIlleBhrath.

"Chumadh e a' chuid a bu mhotha dhiubh a-muigh sa bheinn.

"Thigeadh corra fhear mun chuairt, bhiodh feadhainn aca a' snàmh a-null tarsaing agus mar sin, ach dhèanamaid an gothach air sin a chumail air dòigh.

Cha bhiodh e cho doirbh 's a tha e an-drasta," thuirt Mgr Mac'IlleBhrath.

Bha faisg air 50 duine aig a' choinneimh oidhche Mhàirt agus thug còrr agus na dàrna leth dhiubh taic ris a' mholadh cur às dha na fèidh air fad, rud a dh'fhaodadh a bhith gu math connspaideach agus doirbh a choileanadh.

"Nam bheachd-sa bhiodh e uabhasach doirbh sin a dhèanamh, chosgadh e an t-uabhas a dhèanamh agus tha mi a'smaoineachadh gum biodh an t-uabhas de bhuidhnean na aghaidh gu mòr agus tha mi a' smaoineachadh gun deadh stad a chur air - sin mo bheachd-sa," thuirt Mgr MacIlleBhrath.

Ge b' i de an t-slighe a ghabhas Stòras Uibhst bheir e greis mus fhaigh na croitearan buannachd às.