Binn 'son £13,500 a ghoid

Thugar binn dà bhliadhna gu leth dha fireannach a ghoid £13,500 bho bhùth gheall ann an Inbhir Nis.

Ghoid Karl Jones, a tha 31, agus a bha roimhe na shaighdear, bho thè de bhùithdean Paddy Power a' mhadainn an dèidh dhith tòrr airgid a thoirt a-steach co-cheangailte ri geama ball-coise Sasannach.

Chuala an diùradh san Àrd-Chùirt ann an Glaschu gun d' fhuair e a-steach dhan bhùthaidh tro dhoras dha luchd-obrach nach robh glaiste air an 30mh den Mhàirt an-uiridh.

Chuala a' chùirt cuideachd gun robh Jones gu math eòlach air an àite leis gum biodh e tric a' cur seachad ochd uairean de thìde ann còig là san t-seachdain.